FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Eilean Phabaigh (2)

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu dhà eilean faisg air ceann a deas an Eilein Sgitheanaich – Pabaigh agus Scalpaigh.

Audio is playing in pop-over.

Eilean Phabaigh (2)

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu dhà eilean faisg air ceann a deas an Eilein Sgitheanaich – Pabaigh agus Scalpaigh. Air mapa Bhlaeu on t-seachdamh linn deug, tha dà ainm-àite ann an Scalpaigh, ach chan eil gin ann am Pabaigh – ged a tha an t-eilean sin beag, ceart gu leòr.

Tha beagan chraobhan ann an Scalpaigh agus tha eileanan beaga eile air a’ mhapa air nach eil craobh sam bith. Ach, a rèir Bhlaeu, bha Pabaigh aig an àm sin làn chraobhan. A bheil fianais sam bith eile ann gur e eilean coillteach a bh’ ann?

Gu fortanach, tha. Anns an t-siathamh linn deug, sgrìobh pears-eaglais ainmeil geàrr-thuairisgeul dhen eilean. B’ esan an t-Urramach Dòmhnall Rothach a bhuineadh do Chill Tighearn ann an Taobh Sear Rois. Ann an còig ceud deug, fichead ʼs a sia (1526), ghabh e dreuchd mar mhinistear ann an Sniothasort (anns an Eilean Sgitheanach) agus ann an Ratharsair – nach eil fada bho Phabaigh. An ceann tìde, fhuair e dreuchd mar ‘Ard-dheadhan’ anns ‘na h-Eileanan’ agus sgrìobh e làmh-sgrìobhainn fon tiotal ‘Description of the Western Isles of Scotland’.

Tha an Rothach ag innse dhuinn gum buineadh Pabaigh do Chloinn ʼic Fhionghain. Sgrìobh e gun robh an t-eilean làn chraobhan – a’ toirt dhuinn fianais gun robh dealbh fìrinneach aig Blaeu ceud bliadhna an dèidh sin. Tha e coltach gun d’ fhuair Blaeu a chuid fiosrachaidh bhon chàirt-iùiliche, Timothy Pont. Bha Pont a’ cruinneachadh ainmean-àite aig deireadh an t-siathamh linn deug agus toiseach an t-seachdamh linn deug. Feumaidh gun robh Pabaigh coillteach aig an àm sin.

A bheil sin a’ ciallachadh nach robh duine a’ fuireach anns an eilean? Chan eil, oir sgrìobh an Rothach gun robh Pabaigh na thèarmann do mhèirlich agus spùinneadairean. Feumaidh gun robh a leithid de dhaoine a’ fuireach ann bho àm gu àm, mura robh iad ann fad na h-ùine.

Chan e Pabaigh an aon eilean anns an nàbachd a bha ainmeil airson spùinneadairean. Sgrìobh an Rothach gun robh daoine dhen aon seòrsa stèidhichte anns an Acarsaid Mhòir ann an Rònaigh, tuath air Ratharsair.

Anns an leabhar aige ‘Pabay: An Island Odyssey’, tha Christopher Whatley ag ràdh gur e àite math a bhiodh ann airson spuinneadairean-mara. Leis gu bheil an t-eilean ìosal, faodaidh duine seasamh ann an aon àite agus gheibh e sealladh fada ceithir-thimcheall air. Nuair a chitheadh iad soitheach a’ tighinn, dh’fhaodadh na Pabaich eathar a thoirt a-mach bhon eilean airson ionnsaigh a thoirt. Bhiodh iad a’ tilleadh, agus bhiodh e doirbh do dhaoine an leantainn tro na sgeirean a tha timcheall an eilein. Nuair a bha iad anns an eilean, bhiodh na spùinneadairean a’ dol am falach anns a’ choille.

Carson nach do mhair a’ choille? An do chuir feadhainn às dhi air sàillibh an spùinnidh? Chan eil Christopher Whatley a’ toirt beachd air sin. Ach tha e ag innse dhuinn gun robh a’ choille air a dhol à bith dà cheud bliadhna an dèidh sin. Thadhail an Cuimreach, a, air an Eilean Sgitheanach ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1772). Sgrìobh e gun robh Pabaigh ‘uaine’ (mar gun robh e còmhdaichte le feur) ach gun robh e air a bhith na thèarmann do mhurtairean anns an t-seann aimsir.

Litir 1221 Litir 1221 Litir 1223 Litir 1223

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!