FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Eilean Phabaigh (1)

Aig deireadh an t-samhraidh, sheòl mi timcheall dà eilean faisg air an Eilean Sgitheanach. Tha iad gu tuath air an Ath Leathann agus faisg air a chèile.

Audio is playing in pop-over.

Eilean Phabaigh (1)

Aig deireadh an t-samhraidh, sheòl mi timcheall dà eilean faisg air an Eilean Sgitheanach. Tha iad gu tuath air an Ath Leathann agus faisg air a chèile. Tha gu leòr anns a’ chumantas eatarra a thaobh eachdraidh is uachdranas. Ge-tà, ann an cumadh is coltas, tha iad cho eadar-dhealaichte bho chèile ʼs a ghabhas. Tha an dàrna eilean beag, ìosal is còmhnard – agus meadhanach torrach. Tha am fear eile cuimseach mòr, le beinn is monadh, agus mòine gu leòr. ʼS iad na h-eileanan sin Pabaigh agus Scalpaigh.

Nise, tha mi air na h-ainmean, mar gum biodh ‘oifigeil’, a chur orra. Ann am Beurla – Pabay agus Scalpay; ann an Gàidhlig – Pabaigh agus Scalpaigh. Ach chuala mi ‘Paba’ agus ‘Scalpa’ aig na seann iasgairean Rosach aig an robh Gàidhlig. Agus nuair a thèid sinn air ais gu mapaichean an t-seachdamh linn deug, ʼs e sin a th’ orra.

Thuirt mi gu bheil an dà eilean eadar-dhealaichte bho chèile. Tha sin gu sònraichte fìor mu na h-ainmean-àite orra. Tha Scalpaigh làn ainmean Gàidhlig – leithid Rubh’ a’ Chonnaidh, Camas na Geadaig, Glac an Ime agus Beinn Loch a’ Mhuilinn. Ach, ann am Pabaigh, chan eil ann ach dà ainm-àite Gàidhlig agus tha iadsan air a’ chladach – creag air a bheil An Gobhlach agus sgeir faisg air làimh – an Sgeir Ghobhlach. Bha an sgeir sin na chunnart do mharaichean, agus tha pòla-rabhaidh oirre.

Ach air tìr anns an eilean fhèin, chan eil aon ainm-àite. Chan eil mi a’ ciallachadh ainm-àite Gàidhlig, ach fear sam bith – Gàidhlig no Beurla. Shaoil mi gun robh sin car annasach. Tha an t-eilean còmhnard, ceart gu leòr, gun chnoc no glac a tha follaiseach bhon mhuir. Chan eil loch no uillt ann. Ach tha tràighean ann, agus creagan, agus mòine, agus baile-fearainn. Bha sluagh ann. Tha àiteachan ann far am bi na h-eòin-mhara a’ neadachadh. Tha pàircean ann, agus dìgean. Carson nach robh ainm sam bith air gin de na feartan-tìre sin?

Chaidh mi gu Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Òrdanais. Chan eil ach trì ainmean aca ann am peann dubh. A’ chiad fhear – ʼs e sin Pabay fhèin. Sgrìobh iad gur ann on Lochlannais a thàinig an t-ainm. Tha e a’ ciallachadh ‘Eilean an t-Sagairt’. Agus tha An Gobhlach ‘forked place’ agus Sgeir Ghobhlach ‘forked rock’ aca.

Ge-tà, ann am peann dearg, air an aon duilleig ʼs a bheil Pabaigh air ainmeachadh, tha trì uillt – Allt a’ Ghleannain, Allt na Plaide agus Allt an Rèidhe Mhòir. Airson tiotan bha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gun robh na h-uillt sin ann am Pabaigh ach gun deach iad à bith nuair a chaidh claisean-drèanaidh a chladhach. Ach cha robh. Tha na h-uillt pìos air falbh anns an Eilean Sgitheanach fhèin. Coltach ri Pabaigh bha iad air fearann a bha leis a’ Mhorair Dòmhnallach ann an Caisteal Armadail.

Litir 1220 Litir 1220 Litir 1222 Litir 1222

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!