Bha mi o chionn ghoirid ann an trì àiteachan – anns an aon latha – aig a bheil rudeigin iongantach anns a’ chumantas eatarra. ʼS iad trì àiteachan a thathar a’ cumail a-mach a tha a’ comharrachadh teis-meadhan na h-Alba. Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘The Geographical Centre of Scotland’. Ciamar as urrainn trì àiteachan eadar-dhealaichte a bhith air an comharrachadh mar mheadhan cruinn-eòlach na h-Alba? Agus càit a bheil iad?
Thòisich mo thuras air Gàidhealtachd Siorrachd Pheairt. Bha mi a’ siubhal gu tuath ann an carbad. B’ e a’ chiad àite a ràinig mi a tha – math dh’fhaodte – ann an teis-meadhan na h-Alba, beinn air a bheil Dùn Coilich.
Nise, chan eil Dùn Coilich ro àrd. Ach tha e faisg air beinn a tha fìor àrd agus ainmeil. ʼS e sin Sìth Chailleann – agus bidh cuid a’ cumail a-mach gu bheil Sìth Chailleann fhèin a’ comharrachadh teis-meadhan na h-Alba. Ach, a rèir tomhais, tha an làrach air cliathaich Dhùn Coilich.
Ciamar a thathar a’ tomhas teis-meadhan na h-Alba? ʼS e aon dòigh an centre of gravity method. Nam biodh tìr-mòr na h-Alba air a chruthachadh ann an cairt-bhòrd, ʼs e sin an t-àite far an cuireadh tu prìne agus sheasadh an dùthaich gun a bhith a’ tuiteam taobh seach taobh. Le bhith ga thomhas mar sin, ʼs e Dùn Coilich teis-meadhan na h-Alba.
An do mhothaich sibh gun tuirt mi ‘tìr-mòr na h-Alba’? Tha fhios gu bheil feadhainn agaibh a’ fuireach air eileanan! Nuair a bheir sinn na h-eileanan a-steach, tha teis-meadhan na dùthcha ann an àite eadar-dhealaichte. A rèir choltais, tha e ann an Athall, faisg air rathad mòr an A9. Agus chaidh mi seachad air sin anns a’ chàr mu leth-uair a thìde an dèidh Dhùn Coilich.
Ach bha aon àite eile a’ feitheamh rium, far a bheil teis-meadhan na h-Alba, mas fhìor. Tha e faisg air Bail’ Ùr an t-Slèibh ann an Gleann Truim. Aig aon àm, bha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gum b’ e seo meadhan na dùthcha. Shnaigh iad crois ann an clach ann an gàrradh ri taobh an rathaid. Tha i ann fhathast. Chuir iad plaig an-àirde cuideachd, barrachd air aon turas. Ach bha na plaigean air an goid. Mar sin, sguir iad bho bhith a’ cur plaigean ùra an-àirde.
Ge-tà, bha muinntir Bhàideanach airson ʼs gum biodh an t-àite air a chomharrachadh gu h-oifigeil. Ann an dà mhìle ʼs a còig-deug (2015), chaidh clach mhòr a chur ann ri taobh an rathaid. Tha plaig oirre a tha ag innse dhuinn gur e sin teis-meadhan na h-Alba.
Dè ur beachd fhèin? Cò am measg nan trì àiteachan a tha ann an teis-meadhan na h-Alba? Ciamar as urrainn tomhas a dhèanamh air dùthaich eileanach gun a bhith a’ gabhail a-steach nan eilean? Agus, co-dhiù, a bheil an t-Eilean Sgitheanach a-nise mar phàirt de thìr-mòr leis gu bheil drochaid ga cheangal ri tìr-mòr?
Agus bidh Alba ag atharrachadh fad na h-ùine. Bidh pìosan de na cladaichean againn a’ dol am meud. Bidh feadhainn eile a’ dol an lughad. Sin mar a tha. Aig a’ cheann thall, a bheil e gu diofar dè an t-àite a th’ ann an teis-meadhan na dùthcha?