Fada air ais, ann an Litir fichead ʼs a h-ochd (28), rinn mi aithris air Fionnladh Dubh MacRath. Bha e car ainmeil ri a linn fhèin. Bha e na gheamair o chionn ceudan bhliadhnaichean anns an sgìre eadar Cinn t-Sàile, Cill Fhaolain, Gleann Afraig agus Gleann Canaich.
An-diugh, tha mi airson sgeul eile innse dhuibh mun dearbh dhuine – Fionnladh Dubh nam Fiadh, mar a chanadh daoine ris. Chan e a-mhàin geamair a bh’ ann. Bha e cuideachd na thuathanach. Bha e fhèin agus a bhean a’ fuireach ann an àite ris an canar Coille Rìgh ann an Gleann Eilcheig ann an Cinn t-Sàile.
Feasgar a bha seo, chaidh Fionnladh a-mach a choimhead air a chrodh. Bha feadhainn dhiubh air a dhol a dhìth. Bha fios aig Fionnladh cò a bu choireach – ceatharnaich à Loch Abar a bhiodh a’ togail creach.
Chaidh Fionnladh às an dèidh. Ràinig e air an oidhche iad. Bha na ceatharnaich uile nan cadal. Mharbh Fionnladh iad. Dh’fhalbh e dhachaigh le a chrodh. Bha e an dòchas nach fhulaingeadh e creach mar sin a-rithist fhad ʼs a bu bheò e.
Chaidh na seachdainean seachad ʼs na seachdainean seachad, agus bha cùisean a’ dol gu math do Fhionnladh. Ach latha a bha seo, bha e a’ saodachadh a chruidh don aonach. ʼS e sin a chanas muinntir na sgìre sin ris a’ mhonadh far am bi crodh ag ionaltradh – an t-aonach.
Dh’fhàs e sgìth agus ghabh e fois airson greis. Chunnaic e triùir fhear a’ teàrnadh a-bhàn leis an aonach. Bha iad a’ tighinn ga ionnsaigh agus bha fios taghta aige nach buineadh iad don àite. Bha amharas aige gur e luchd-tòir a bh’ annta is gun robh iad a’ dol a thoirt tòrachd a-mach. Shuidh e far an robh e.
Thàinig iad thuige. Thuirt fear dhiubh ris, ‘Coigreach a th’ annad san àite seo?’
‘O, chan e,’ fhreagair Fionnladh. ‘Bidh mi gu tric anns an àite seo.’
‘A bheil thu eòlach air fear ris an can iad “Fionnladh Dubh nam Fiadh”?’ thuirt a’ chiad fhear.
‘O tha,’ dhearbh Fionnladh. ‘Tha mi na mo bhuachaille aige.’
Cha robh a dhìth air na spùinneadairean ach sin. Dh’iarr iad air Fionnladh an toirt gu dachaigh a mhaighstir. ‘Uill, gabhaibh mo leisgeul,’ arsa Fionnladh, ‘ach tha mi rudeigin ciorramach agus tha mi slaodach air mo chasan.’
‘Hut,’ arsa fear de na coigrich, ‘cobhairidh sinne thu.’ Rinn iad cobhair air agus mu dheireadh ràinig iad taigh Fhionnlaidh. Chomharraich Fionnladh an taigh. Bha a bhean aig an doras. Feumaidh gun do rinn Fionnladh comharra air choreigin dhi. Thuig i gun robh na coigrich ann airson an duine aice a mharbhadh.
‘Nach tig sibh a-steach,’ thuirt i riutha. ‘Gheibh sibh biadh.’
‘Tha sinn coma mu bhiadh, tha sinn a’ coimhead airson fear an taighe,’ thuirt fear dhen triùir. ‘A bheil e a-staigh?’
‘Tha e a-staigh,’ fhreagair ise, ‘ach chan eil e a’ cumail gu math. Cha do dh’èirich e fhathast.’ Bha i a’ cur biadh air a’ bhòrd airson aire nan daoine a chumail. Nuair nach robh iad a’ coimhead oirre, chuir i bogha is saigheadan a-mach air an uinneig. Bha Fionnladh a’ feitheamh air an taobh a-muigh.
Chaidh Fionnladh don doras leis a’ bhogha is saigheadan agus mharbh e an triùir am broinn an taighe. Agus sin mo stòiridh mu Fhionnladh Dubh nam Fiadh.