Bha mi o chionn ghreis ann an Coille Dhubh Raineach, no ‘Coille Dhubh Raineach’ mar a chanadh na seann Ghàidheil a bhuineadh don àite. ʼS i tè de na seann choilltean Cailleannach a bha uaireigin pailt air a’ Ghàidhealtachd. Bha i uaireigin na h-àite-falaich aig eucoirich agus fineachan a bha nan nàimhdean don riaghaltas.
Tha dualchas na Gàidhlig làidir ann an Raineach. Bhiodh naidheachdan beaga aca dhen t-seòrsa a chluinnte anns an taigh-chèilidh. Bu mhath leam dà naidheachd à Raineach innse dhuibh an-diugh.
Tha a’ Choille Dhubh air cladach a deas Loch Raineach, agus tha an naidheachd seo à Loch Raineach fhèin. Bha duin’-uasal à Lunnainn a bhiodh a’ tighinn a Loch Raineach airson iasgach. Tha mi a’ dèanamh dheth gum biodh e a’ tighinn a h-uile bliadhna.
Turas a bha seo, chaill e fàinne bho a chorraig. Bha e ag iasgach ann am bàta, agus thuit an fhàinne bho a chorraig don uisge. Cha b’ e fàinne àbhaisteach a bh’ innte. Bha suaicheantas a theaghlaich oirre. Bhiodh e furasta gu leòr don duine leis an robh i a h-aithneachadh. Ach bha i air a dhol gu aigeann an locha. Cha robh dùil no dòchas gum faigheadh an duine sealladh oirre a-rithist.
Ge-tà, thill an duine seo a Raineach an ath bhliadhna. Bha e a’ siubhal ann an carbad-iarainn. Bha fear mu a choinneamh agus mhothaich am fear à Lunnainn gun robh fàinne air a chorraig. ‘Gabhaibh mo leisgeul,’ thuirt e, ‘ach càit an d’ fhuair sibh an fhàinne sin? Sin an fhàinne agamsa. Tha suaicheantas mo theaghlaich oirre.’
‘Uill,’ thuirt am fear eile, ‘innsidh mi dhuibh mar a thachair. Bha mi iasgach ann an Loch Raineach agus ghlac mi breac. Chaidh an t-iasg a thoirt don chòcaire anns an taigh-òsta agus chaidh a bhruich dhomh. Ach thàinig an còcaire chun a’ bhùird agus chuir e fàinne air mo bheulaibh. Dh’inns e dhomh gun do lorg e an fhàinne ann an stamag an èisg.’ Nach iongantach an sgeul agus thathar ag ràdh gu bheil e fìor.
Tha an naidheachd eile mòran nas sine, agus cluinnear a leithid ann am pàirtean eile dhen Ghàidhealtachd cuideachd. Ann am Bliadhna Theàrlaich, bha saighdearan-dearga siar air Loch Raineach. Chunnaic iad saighdear Gàidhealach air mullach Meall Comraidh. Bha e ri mì-mhodh is fanaid orra.
Chuir iad dithis shaighdearan-dearga suas airson dèiligeadh ris. Dh’fhalbh iad thar a’ mhullaich agus à fianais. Chualas fuaim de chath agus cha do thill na saighdearan-dearga. Chaidh a h-uile càil sàmhach.
Goirid an dèidh sin, thill an saighdear Gàidhealach gu mullach na beinne. Thòisich e a-rithist air fanaid. An turas seo, chaidh feachd a chur suas airson dèiligeadh ris. Dh’fhalbh iad à fianais air cùl mullach na beinne. A-rithist bha fuaim de shabaid ann, air a leantainn le sàmhchair. Agus nochd an saighdear Gàidhealach a-rithist air a’ mhullach.
An turas seo, dh’òrdaich an coirneal ionnsaigh mhòr a thoirt air an t-saighdear Ghàidhealach. Dh’fhalbh a h-uile saighdear-dearg còmhla. Nuair a bha iad faisg air a’ mhullach, nochd fear de na saighdearan aca fhèin. Cha robh e marbh, ach bha e air a leòn. ‘Thallaibh air ais!’ dh’èigh e mar rabhadh. ‘ʼS e feall a th’ ann! Tha dithis ann!’