Tha mi cinnteach gu bheil sibh eòlach air an fhacal marag – biadh car coltach ri taigeis anns a bheil, gu tric, feòil agus/no anablach – a savoury pudding often containing meat and/or offal. Gu tric, bidh marag dubh, oir tha i air a dèanamh de dh’fhuil a bhios a’ dol dubh an dèidh a bhith air a goil. ʼS e sin marag-dhubh.
Bidh marag-dhubh mar as trice ann an cumadh isbein. Ach, anns an t-seann aimsir, bha e air a dèanamh ann an caolan. Gu tric, bhiodh ceann caol agus ceann reamhar aice. Tillidh sinn gu sin ann am mionaid no dhà.
Tha diofar sheòrsaichean maraige ann agus tha gu leòr dhiubh anns nach eil fuil. Mar eisimpleir, tha marag-gheal ‘white pudding’ ann agus marag-choirce ‘oatmeal pudding’. Agus marag-truisg. Tha sin a’ ciallachadh ‘cod pudding’. Bhathar a’ dèanamh marag-truisg ann an stamag an èisg. Bhiodh iad a’ cur measgachadh ann de ghrùthan an truisg, min-choirce agus spìosraidhean.
Bha marag-geòidh ann cuideachd. ʼS e sin ‘goose pudding’. Marag-geòidh. Bha i air a dèanamh ann an stamag a’ gheòidh. Bhiodh daoine a’ cur fuil agus geir bhon ghèadh ann, agus spìosraidhean a bharrachd.
Bha maragan cho cudromach ann am beatha nan Gàidheal ʼs gum bi iad a’ nochdadh gu tric ann an abairtean is seanfhaclan. Tha mi airson feadhainn aithris dhuibh.
Cha truagh leam cù, is marag mu amhaich. A bheil sibh a’ tuigsinn sin? I don’t pity a dog that has a marag around its neck. Seadh, chan eil truas agam ri duine a tha beartach, eadhon ged a bhiodh e a’ gearan. Bu chòir dha a bhith sàsaichte leis na th’ aige. Cha truagh leam cù, is marag mu amhaich.
Agus seo agaibh seanfhacal eile co-cheangailte ri cù agus marag mu amhaich. B’ e sin marag earbsa ris a’ chù dhubh. That was [like] trusting the black dog with a marag. Am biodh sibhse a’ cur earbsa ann an cù dhan tug thu marag airson, can, giùlan gu àite eile?! Tha teans ann gun cùmadh e a’ mharag dhà fhèin agus gum biodh e ga h-ithe. B’ e sin marag earbsa ris a’ chù dhubh.
Mar a bha mi ag ràdh, bhiodh ceann reamhar agus ceann caol aig marag. Ma fhuair cuideigin barrachd na bhiodh dùil de rudeigin, bidh sinn ag ràdh gun d’ fhuair e ceann reamhar na maraige. Ma fhuair e na bu lugha na bhiodh dùil, bidh sinn ag ràdh gun d’ fhuair e ceann caol na maraige.
Agus tha an seanfhacal ann – am fear a bhios a’ roinn na maraige, bidh an ceann reamhar aige fhèin. The man who divides up the marag, he will have the thick end to himself. Am fear a bhios a’ roinn na maraige, bidh an ceann reamhar aige fhèin Saoil a bheil sin an-còmhnaidh ceart? Am bi daoine an-còmhnadh fèineil anns an dòigh sin? Cha chreid mi gum bi.
Nise, tha mi cinnteach gum bi sibh eòlach air an t-seanfhacal Bheurla ‘the proof of the pudding is in its eating’. Tha e math gu leòr a bhith a’ moladh rudeigin. Ach ʼs ann le fheuchainn a gheibh thu a-mach cho math ʼs a tha e. Tha seanfhacal Gàidhlig againn car coltach ri sin. ʼS e moladh na maraige ga feuchainn. The praise of the marag is tasting it. ʼS e moladh na maraige ga feuchainn.