Fhad ʼs a tha mi a’ sgrìobhadh seo, tha mi a’ coimhead bhidio. Tha mi ga moladh dhuibh. Tha i a’ ruith airson deich mionaidean agus tha i ann an Gàidhlig.
Gheibh sibh lorg oirre air YouTube fon tiotal ‘Breith Oisein – Sgeulachd na Fèinne’. ʼS e goireas foghlaim a th’ innte. Tha an sgeulachd Breith Oisein innte. Tha i air a h-aithris ann an Gàidhlig ach tha cothrom ann a coimhead le fo-thiotalan Beurla. Tha dà dhreach air an sgriobt – anns an t-seann Ghàidhlig agus dreach eile a tha a’ leantainn nòsan GhOC.
Bha dithis an sàs anns a’ phròiseact – an t-Ollamh Mìcheal Newton, a tha na shàr-eòlaiche air dualchas nan Gàidheal – agus an neach-ealain Tòmas Keyes. Buinidh Mìcheal do na Stàitean Aonaichte. Tha Tòmas a’ fuireach anns an Eilean Dubh.
An toiseach, tha mi airson innse dhuibh mun ealain aig Tòmas. Tha duilleag mhòr bhrèagha ann. Tha i coltach ris na duilleagan ann an Leabhar Cheannanais. Agus tha òran ann. Tha e air a sgrìobhadh agus air a sgeadachadh anns an t-seann stoidhle. ʼS e an t-ainm a th’ air an òran ‘Comhairl’ Oisein dha Mhàthair’.
Chaidh an ealain a dhèanamh anns an dòigh thraidiseanta – air seiche fèidh. Anns na notaichean, tha Tòmas ag innse dhuinn mu na h-ìomhaighean anns an dealbh agus mar a rinn e na dathan. Mar eisimpleir, rinn e inc phurpaidh le bhith a’ tiormachadh crotal sònraichte, ris an canar crotal-Chùithbreith. Chruinnich e an crotal anns an Eilean Dubh. Bhraich e ann an amòinia e airson ceithir mìosan. An uair sin, bha dath purpaidh aige, deiseil airson an dealbh a dhèanamh. Abair an obair a bha an sàs anns a’ ghnothach!
Tha an sgeulachd fhèin air a h-aithris gu soilleir le Mìcheal Newton. Tha e ag innse mar a chaidh Fionn is a chompanaich a-mach a shealg. Chunnaic iad eilid agus ghlac iad i len coin. Chuir Fionn òrdag na bheul (oir bha deud-fios aige) agus fhuair e a-mach gur e boireannach fo gheasaibh a bh’ anns an eilid.
Anns an dreach seo dhen sgeul, tha Fionn a’ cur seachad na h-oidhche còmhla ris a’ bhoireannach. Tha i a’ falbh anns a’ mhadainn. Beagan mhìosan an dèidh sin, tha mac air a bhreith dhi air sgeir ann an Loch nan Ceall faisg air Àrasaig. Bha dreach duine air, ach gun robh dosan fèidh air fhalt. B’ esan Oisean. Tha ainm a’ ciallachadh ‘laogh-fèidh’. Bha e a’ fuireach cuide ri a mhàthair airson seachd bliadhna.
Tha an sgeulachd ag innse mar a tha an gille air a lorg anns na beanntan. Tha Fionn a’ toirt dachaigh dha. Tha Oisean ag ionnsachadh Gàidhlig aig na bàird.
Latha a tha seo, tha Oisean ri sealg. Tha e a’ faicinn eilid. Tha e a’ dol a thilgeil sleagh oirre ach tha i a’ bruidhinn ris. ‘Is mise do mhàthair,’ tha i ag ràdh. Tha iad a’ dol a-steach a dh’uamh còmhla. An sin, tha Oisean a’ rabhadh mu na coin-seilg aig na Fianna anns an òran aige ‘Comhairl’ Oisein dha Mhàthair’ – a’ chiad òran a rinn e riamh.
Tha an goireas foghlaim seo sònraichte agus mholainn gu mòr e airson tidsearan, pàrantan agus sgeulaichean. Gheibhear lorg air fon ainm ‘The Birth of Ossian’ aig www.hiddenglenfolk.org.