FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seann Leigheasan airson Lot Nathrach (2)

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu dhiofar dhòighean aig na seann Ghàidheil airson lot nathrach a leigheas.

Audio is playing in pop-over.

Seann Leigheasan airson Lot Nathrach (2)

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu dhiofar dhòighean aig na seann Ghàidheil airson lot nathrach a leigheas. Bu chòir dhomh rudeigin a ràdh mun fhacal airson snakebite. Bhiodh na seann daoine gu tric a’ dèanamh sgaradh eadar bìdeadh aig, can, cù agus an lotadh aig nathair. Chanadh iad lotadh-nathrach ris an ionnsaigh a tha nathair a’ toirt agus lot nathrach airson ‘snakebite wound’.

Bha mi a’ toirt sùil an t-seachdain sa chaidh air a’ chunntas aig Tormod an t-Seòladair à Siabost. Gheall mi dhuibh gun toirinn sùil a bharrachd air fear de na leigheasan aige – suathadh ceann nathrach air an lot.

Tha cunntas dhen dearbh rud air an làraich-lìn – ‘Tobar an Dualchais’. Bha Alasdair MacNeacail, Alasdair Shomhairle Mhòir, air a chlàradh le mac a pheathar, am fear-cruinneachaidh beul-aithris, Calum Iain MacGill-Eain. Bha sin ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a naoi (1959). Bha Alasdair às a’ Bhràighe anns an Eilean Sgitheanach. Bha Gàidhlig air leth aige.

Chunnaic esan coimhearsnach a’ suathadh ceann nathrach air an lot no, mar a thuirt e fhèin, ‘claban-cinn na nathrach’. Bha sin airson at a leigheas air agh. Bha e a’ cumail ceann na nathrach air mullach balla taobh a-staigh an taigh aige.

Tha sin a’ dol leis na leugh mi aig Tormod an t-Seòladair. Sgrìobh esan gun robh daoine a’ gleidheadh ceann aig nathair-nimhe a mharbh iad. Bha iad ga stòradh ann an salann. Agus an tàinig feabhas air an agh? Thàinig – bha i slàn a-rithist an ath mhadainn.

Mus tàinig a choimhearsnach le ceann na nathrach, bha boireannach a b’ aithne do dh’Alasdair a’ feuchainn ri a leigheas fhèin a dhèanamh. Dh’fheuch i an toiseach le uisge a chaidh a dhòrtadh thairis air airgead. Bha an t-uisge a’ tighinn far an airgid. Cha do dh’obraich sin.

Dh’fheuch i an uair sin snàithlean dearg a cheangail i ‘timcheall air a bheothach’. Agus ghabh i rann leigheis. Cha robh sin soirbheachail. Ach rinn ceann na nathrach a’ chùis.

Lorg mi cunntas aig fear eile air Tobar an Dualchais, agus e a’ bruidhinn air seann leigheasan aig na Gàidheil airson lot nathrach. Bha am fear sin cuideachd às an Eilean Sgitheanach. Abair gu bheil e na thlachd a bhith ag èisteachd ri a chuid Gàidhlig. B’ esan an t-Urramach Tormod Dòmhnallach à Bhaltos anns an Taobh Sear. A-rithist, ʼs e Calum Iain MacGill-Eain a chlàir e. Bha sin ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a trì (1953).

Bha dà leigheas aig Mgr. Dòmhnallach. Aonan dhiubh, b’ e a bhith marbhadh eun, gu sònraichte cearc. Bha iad a’ fosgladh na closaich agus ga cur air an lot, fhad ʼs a bha i fhathast blàth. Bha sin coltach ris an leigheas a dh’aithris Tormod an t-Seòladair – ach gur e coileach dubh a bhathar a’ cleachdadh.

Dh’aithris Mgr. Dòmhnallach gun cuala e mu leigheas eile. Nam faighte grèim air an nathair, bhite ga cur ann an uisge. Bha an t-uisge air a dhòrtadh air an lot. Chan urrainn dhomh na leigheasan seo a dhearbhadh, taobh seach taobh. ʼS e as ciallaiche a bhith faiceallach ma chì sibh nathair-nimhe bheò.

Litir 1213 Litir 1213 Litir 1215 Litir 1215

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!