FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seann Leigheasan airson Lot Nathrach (1)

Tha seanfhacal ann an Gàidhlig a tha car inntinneach dhomh. Thèid nathair tro theine dearg mun tèid i tro dhuilleach an uinnsinn ‘a snake will go through a red-hot fire sooner than through the leaves of the ash tree’.

Audio is playing in pop-over.

Seann Leigheasan airson Lot Nathrach (1)

Tha seanfhacal ann an Gàidhlig a tha car inntinneach dhomh. Thèid nathair tro theine dearg mun tèid i tro dhuilleach an uinnsinn ‘a snake will go through a red-hot fire sooner than through the leaves of the ash tree’. Thèid nathair tro theine dearg mun tèid i tro dhuilleach an uinnsinn.

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag aithris sgeulachd dhuibh à taobh siar Leòdhais. B’ e am fear a chruinnich i Tormod an t-Seòladair, Tormod Moireasdan, à Siabost. Bha Tormod na shàr-eòlaiche air nathraichean-nimhe. Anns an leabhar aige ‘The Life Story of the Adder’, tha e ag innse mu na seann leigheasan aig na Gàidheil airson lot nathrach. Nam measg, bhathar a’ cleachdadh rùsg na craoibh-uinnsinn.

Bhiodh daoine a’ goil an rùisg airson a leithid seo de dh’ùine. Bha an leann air a shìolachadh tro chlò mìn. Bhiodh iad a’ bogadh pìos clòtha anns an leann agus ga chur air an lot.

Bha Tormod na neach-saidheans. Bha e cuideachd na Ghàidheal. Bha e dhen bheachd gum faodadh gun robh stuth ceimigeach ann an rùsg an uinnsinn a bha ag obair an aghaidh buaidh an nimhe air a’ bhodhaig. Math dh’fhaodte gu bheil rudeigin anns a’ chraoibh-uinnsinn a tha ag adhbharachadh fuath ann an nathraichean.

Chaidh innse do Thormod nach biodh nathair ri lorg uair sam bith faisg air craobh-uinnsinn. Dh’aidich e nach fhaca e fhèin nathair ann an suidheachadh mar sin riamh.

A rèir Thormoid, bha trì dòighean eile aig na seann Ghàidheil airson leigheas a dhèanamh air lot nathrach. Anns a’ chiad dol a-mach, bhiodh cuideigin a’ marbhadh coileach dubh agus ga sgoltadh sìos a bhroilleach. Tha mi a’ ciallachadh le sin coileach dubh aig croitear no tuathanach, seach coileach-dubh fiadhaich. Bhiodh iad a’ cur an eòin mar sin air an lot. Tha Tormod ag innse dhuinn gum b’ e sin an leigheas a bu chumanta aig na seann daoine.

Anns an dàrna àite, bha daoine a’ cleachdadh clach-nathrach. B’ e sin clach chruinn rèidh, mu thrì òirlich ann an leud, agus le toll anns a’ mheadhan. Bha na seann daoine a’ creidsinn gur e nathair a rinn an toll agus bhon a thachair sin gum biodh draoidheachd air choreigin co-cheangailte ris a’ chloich. Nan cuirte clach-nathrach air an lot, bhiodh an ataireachd a’ sgur agus thigeadh feabhas air an euslainteach.

Sgrìobh Tormod gun robh clachan-nathrach gu math tearc, agus nach robh ach mu leth-dhusan dhiubh air a’ Ghàidhealtachd air fad. Bha iad air an lorg, mar bu trice, ann an glinn agus uillt air leth iomallach.

B’ e an leigheas mu dheireadh airson lot nathrach gum biodh daoine a’ cleachdadh ceann aig nathair mharbh agus ga shuathadh air an lot, agus tha mi a’ dol a thoirt sùil air sin an-ath-sheachdain.

Ach bu mhath leam innse dhuibh mu rud eile a sgrìobh Tormod an t-Seòladair mun nathair-nimhe. Nuair a bha e na bhalach òg chuala e daoine a’ bruidhinn mu ‘gaoth na nathrach’. Dh’eadar-theangaich e sin gu Beurla mar ‘the serpent’s breath’. Bha daoine ag ràdh nam biodh duine air taobh an fhasgaidh dhen nathair, gun robh gaoth – no anail – na nathrach cho puinnseanta ʼs gun adhbharaicheadh e puinnseanachadh ann am fuil an duine fhèin.

Litir 1212 Litir 1212 Litir 1214 Litir 1214

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!