Chuala ‘Ceatharnach Shiaboist’ claidheamh Alasdair Mhoireasdain a’ bualadh ann an creag mar rabhadh dha. Theich e agus, ged a lorg na daoine a bhothan, cha robh e ann. Nuair a fhuair na daoine sealladh air, bha e mìle air thoiseach orra, aig bonn na beinne, a’ ruith a dh’ionnsaigh na mara.
Mu dheireadh, ghlac na daoine e air tràigh siar air Siabost. Nuair nach robh duine eile san èisteachd, dh’inns Alasdair dha gun robh a theaghlach taingeil dha airson beatha a pheathar a shàbhaladh. Ràinig iad taigh Ruairidh Dheirg air a’ Chàrnan Mhòr. Bha Iseabail Mhoireasdan an sin, cuide ri a h-athair.
Chunnaic i am fear a shàbhail i. ‘O, athair,’ thuirt i, ‘siud am fear a shàbhail mi anns an loch. Chan fhaod sibh a chrochadh.’ Bha i ann an gaol leis.
‘Nì mi mo dhleastanas, Iseabail,’ fhreagair a h-athair. ‘Bidh e a rèir co-dhiù tha am fear òg ciontach no neoichiontach.’ Fhad ʼs a bha e a’ bruidhinn, bha feadhainn bhon bhaile a’ rannsachadh a’ bhothain air mullach na Beinne Mòire. An sin, lorg iad fianais gu leòr gum b’ esan am mèirleach.
Mar sin, cha b’ urrainn do dh’athair Iseabail, ris an canadh iad ‘Am Britheamh’ càil a dhèanamh airson am fear òg a shàbhaladh. Chaidh fhaighinn ciontach. B’ e a’ bhinn crochadh gu bàs. Thogadh croich air cnoc ris an canar Cnoc a’ Chrochaidh, agus chaidh an duine a chur gu bàs an sin. Bha an sagart ga fhrithealadh agus ghiùlain an ceatharnach e fhèin le uaisleachd.
Cha d’ fhuair na daoine a-mach cò bh’ anns a’ cheatharnach no eadhon an t-ainm a bh’ air, ach gum buineadh e do na Leòdaich. Chaidh a thiodhlacadh ann an glac ghorm aig bonn a’ chnuic far an deach a chrochadh. Sgrìobh an sgeulaiche, Tormod an t-Seòladair, gun gabhadh a’ ghlac aithneachadh fhathast o chionn ceud bliadhna.
Chan e sin buileach deireadh an sgeòil, ge-tà. Taobh a-staigh seachdain on a fhuair an duine bàs, dh’fhàs Iseabail Mhoireasdan tinn. Cha tàinig feabhas oirre, agus taobh a-staigh sia mìosan bha i marbh.
An latha mus do chaochail i, chuir i fios air a bràthair, Alasdair. Nuair a thàinig Alasdair a-steach don t-seòmar aice, dh’iarr i air a màthair, a bha cuideachd an làthair, an seòmar fhàgail. Nuair a bha an dithis còmhla – piuthar agus bràthair – dh’inns Iseabail dha nach maireadh i beò fada. ‘Mar as dual, bidh mi air mo thiodhlacadh ann an Cladh Bhràgair,’ thuirt i, ‘anns an oisean a bhuineas don teaghlach againn. Ach air an dàrna oidhche an dèidh an tiodhlacaidh, tha mi ag iarraidh ort fhèin agus air Ùisdean MacAmhlaigh a dhol ann air an oidhche. Tha mi airson ʼs gun tog sibh mo chiste às an uaigh agus gun ath-thiodhlaic sibh i anns an uaigh aig an fhear threun a shàbhail mo bheatha. Ach feumaidh sibh seo a chumail dìomhair bho ar pàrantan.’
Agus ʼs e sin a thachair. Chaidh Iseabail agus an duine gun ainm a shàbhail i a shìneadh còmhla anns an aon uaigh. Goirid an dèidh sin, chuir cuideigin craobh – seileach-caoidheach – air an uaigh.