Tha mi a’ leantainn leis an sgeul ‘Ceatharnach Shiaboist’. Bha Iseabail agus Peigi Mhoireasdan ri taobh Loch Athabhat Mòr. Chunnaic Iseabail dealan-dè brèagha air duilleag-bhàite bhàn. Le bata-coiseachd, dh’fheuch i ris an lus a tharraing gu tìr. Ach dh’fhàilnich oirre agus thuit i don uisge a bha dubh agus domhainn. Dh’fhalbh i fodha.
Thòisich Peigi air sgreuchail. Thàinig ceann Iseabail an-uachdar ach thàinig maoim oirre. Bha i a’ spriodadh agus a’ plumadaich. An àite a bhith a’ tighinn gu tìr, bha i a’ sìor ghluasad air falbh bho bhruach an locha. Chaidh i fodha agus chaidh a casan an sàs anns a’ pholl air grunnd an locha. Bha i an impis bàthadh nuair a chuala Peigi fuaim air a cùlaibh. Thàinig fear seachad oirre agus leum e don uisge.
Shnàmh e fodha, lorg e Iseabail, agus thug e don chladach i. Bha i gun mhothachadh ach thàinig i thuige. Thuirt i ris an duine, ‘A mhaighstir, shabhail sibh mo bheatha. Ciamar a bheir mi taing dhuibh?’
‘Na gabh dragh mu dheidhinn,’ fhreagair e. ‘ʼS e mo dhuais gun do shabhail mi beatha cuideigin.’
‘Gabhaibh mo leisgeul,’ thuirt Peigi ris an t-srainnsear, ‘ach cò às a thàinig sibh?
‘Na gabh dragh mu dheidhinn,’ thuirt am fear. ‘Fòghnaidh e gun do shàbhail mi beatha do charaid an seo.’
‘Tha mo dhachaigh ann am Bràgar,’ ars Iseabail ris. Bha i ga fhaighinn air leth tarraingeach. ‘Is mise nighean ceann-cinnidh nam Moireasdanach,’ lean i. ‘Thigibh dhachaigh cuide rium. Bidh m’ athair air leth toilichte coinneachadh ribh.’
‘Is beag an rud a rinn mi,’ thuirt am fear. ‘ʼS e do charaid a tha airidh air moladh. ʼS e an sgreuchail aice a dh’inns dhomh gun robh thu ann an cunnart do bheatha.’ Dhiùlt e a dhol a Bhràgar còmhla ris a’ chloinn-nighean. Ach thuirt e gum biodh e a’ cèilidh air athair Iseabail an ceann greis bheag.
Choisich an coigreach pàirt dhen rathad còmhla ris an dithis eile. An uair sin stad e, agus thuirt e gu feumadh e falbh. Fhad ʼs a bha iad an sin, thàinig fitheach faisg orra. Bha iad uile dhen bheachd gun robh sin na chomharra de dhroch naidheachd, bàs eadhon.
Nuair a ràinig i an taigh aice, dh’inns Iseabail mar a thachair dhi. Bha fios aig a bràthair, Alasdair, gur e an ceatharnach às a’ Bheinn Mhòir a shàbhail i, ach cha tuirt e guth.
Ge-tà, mun àm sin, bha cuid de dhaoine a’ gearan mu chall bìdh. Bha mèirleach a’ briseadh a-steach do na taighean aca air an oidhche, agus a’ goid biadh. Bha daoine dhen bheachd gun robh am mèirleach a’ fuireach air a’ Bheinn Mhòir. Chaidh Alasdair a chur os cionn feachd, leis an amas an duine a lorg.
Chaidh am feachd seachad air a’ bheinn. Shreap iad don mhullach bhon taobh dheas. Faisg air a’ mhullach, thuit Alasdair a dh’aona-ghnothach agus rinn a chlaidheamh fuaim nuair a bhuail e ann an creag. Bha sin mar rabhadh don fhear a shàbhail a phiuthar. Agus chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.