Tha mi ag aithris an sgeòil ‘Ceatharnach Shiaboist’. Nuair a chaidh a’ bhò dhubh aig Ruairidh Dearg a dhìth, chuir Alasdair Moireasdan agus a cho-ogha, Ùisdean MacAmhlaigh, romhpa dhol a choimhead anns a’ bhothan aig a’ cheatharnach air mullach na Beinne Mòire. Cha robh iad a’ creidsinn gum biodh duine sam bith làidir gu leòr airson bò a tharraing suas gu mullach na beinne. Ach chaidh iad ann le armachd, deiseil airson sabaid.
Air cliathaich na beinne, lorg iad fianais gun robh a’ bhò dhubh air a marbhadh an sin, agus air a tarraing suas am bruthach. Shaoil iad nach biodh iad glic a dhol suas. Bhiodh fios aig a’ cheatharnach gun robh iad ann. Gu dearbh, bha. Bha e a’ coimhead orra bho gu h-àrd. Thuig e gun robh fios aig an dithis fhear gum b’ esan am mèirleach. Ach cha robh fios aige gun robh an dithis eile eòlach air a bhothan air mullach na beinne.
Tha an sgeulaiche, Tormod an t-Seòladair, ag innse dhuinn beagan mun cheatharnach. Bha e mòr, mu chòig air fhichead bliadhna a dh’aois, agus bha e sgeadaichte ann an trusgan Gàidhealach. Bha fhèileadh air a dhèanamh de bhreacan Cloinn ʼic Leòid. Bha falt dubh air agus bha e eireachdail.
Mu sheachdain an dèidh call na bà, bha an ceatharnach na shuidhe anns a’ bhothan aige air an oidhche. Thàinig fitheach mòr don bhothan. Mar as trice, nuair a thig fitheach gu dachaigh duine, tha e a’ comharrachadh cunnart no eadhon bàs. Ach cha do chuir e dragh air a’ cheatharnach. Dh’èirich e, thog e a chlaidheamh, dh’fhalbh e a-mach agus chaidh e sìos le cliathaich na beinne.
Nuair a dh’èirich a’ ghrian, bha an duine ri taobh Loch Athabhat Mòr, ann an àite còmhnard, mìle gu leth bhon bhothan aige. Bhiodh na banaraich a’ tighinn a-mach bho na bailtean. Bha iad a’ dol a bhleoghainn nam bò. Chitheadh iad e.
Mar sin, chuir e roimhe a dhol am falach gus an tigeadh dorchadas na h-oidhche. Faisg air ceann a deas an locha, lorg e bac àrd le fraoch fada a’ fàs air a mhullach. Chaidh e am falach fon fhraoch. Bha e na laighe an sin, agus gu math cofhurtail. Cha b’ fhada gus an robh e na chadal.
Mu mheadhan-latha, thàinig dithis bhoireannach òga gu taobh siar an locha. ʼS e latha brèagha samhraidh a bh’ ann. Bha na boireannaich mu naoi bliadhn’ deug a dh’aois. B’ i tè dhiubh Iseabail Mhoireasdan, an nighean a bu shine aig ceann-cinnidh nam Moireasdanach. Còmhla rithe bha a co-ogha, Peigi Mhoireasdan.
Ràinig iad cladach ceann a deas an locha, far an robh an talamh bog, le bac àrd, agus fraoch a’ fàs air a’ mhullach. Faisg air sin, bha an duilleag-bhàite bhàn a’ fàs. ‘Seall, a Pheigi,’ thuirt Iseabail. ‘Tha mi a’ dol a spìonadh cuid de na flùraichean brèagha seo.’
‘Thoir an aire,’ arsa Peigi. ‘Tha an t-uisge domhainn agus tha grunnd an locha bog. Ma thuiteas tu a-steach, bidh thu air do bhàthadh.’
‘Na gabh eagal,’ fhreagair Iseabail. ‘Bidh mi faiceallach. Cha tuit mi a-steach.’ Aig a’ mhionaid sin, thàinig dealan-dè mòr. Stad e air an duilleig-bhàite a b’ fhaisge air a’ chladach. Agus chì sinn dè thachair an uair sin anns an ath Litir.