Anns an Litir mu dheireadh bha mi a’ toirt sùil air bùrn agus uisge, faclan airson water ann an Gàidhlig. Mus fhàg sinn an cuspair sin, dè th’ ann am ‘bùrn na Sàbaid’? Bùrn na Sàbaid. ’S e sin am bùrn a bhiodh feadhainn a’ toirt a-steach bhon tobar air Disathairne gus nach biodh aca ri dhol ann air an t-Sàbaid.
An t-seachdain seo, cha bhi sinn a’ trèigsinn uisge is bùrn uile-gu-lèir. Tha mi a’ dol a thoirt sùil air abairtean is seanfhaclan co-cheangailte ri uisge. An toiseach feadhainn anns a bheil am facal uisge a’ nochdadh.
Uaireannan, tha am facal a’ ciallachadh uisge a tha na laighe air an talamh. Mar eisimpleir tha an seanfhacal seo ann: Bha rudeigin de dh’uisge far na bhàthadh an gamhainn. Tha sin a’ nochdadh anns a’ chruinneachadh aig an Sgitheanach, Alasdair MacNeacail. Tha e co-ionann ris an t-seanfhacal ann an Albais – there’s aye some water whaur the stirkie drowns. Bha rudeigin de dh’uisge far na bhàthadh an gamhainn. Tha bàthadh a’ ghamhna a’ dearbhadh, mar gum bitheadh, gu bheil uisge – rudeigin domhainn – anns an àite sin.
Uaireannan, tha uisge a’ seasamh airson ‘rain’ mar anns an abairt: Tha currac air a’ bheinn, siud an t-uisg’ a’ tighinn – the mountain has a cap on, there’s the rain coming. Tha currac air a’ bheinn, siud an t-uisg’ a’ tighinn.
Mar as trice, ann an abairtean is seanfhaclan, ’s e am facal uisge a tha a’ nochdadh airson water. Ach seo agaibh abairt anns a bheil ‘bùrn’. Bùrn dubh ort! Black water on you. Bùrn dubh ort! Uill, tha mi an dùil gu bheil e mì-mhodhail ach chan eil mi buileach cinnteach cuin a bhiodh daoine ga ràdh.
Ma leigeas tu seachad cothrom air rudeigin – mar eisimpleir a bhith a’ dèanamh obair – dh’fhaodamaid a ràdh: Cadal a’ mhuilleir ’s an t-uisg’ a’ dol seachad. The miller asleep and the water running past. Cadal a’ mhuilleir ’s an t-uisg’ a’ dol seachad. Tha sin a’ buntainn ri muileann-uisge ri taobh allt a bhios a’ sruthadh fad na h-ùine.
Tha abairt car coltach ri sin. Tha mi cinnteach gu bheil i co-cheangailte ri suidheachadh nuair a tha e a’ fàilneachadh air cuideigin rudeigin a dhèanamh air sàillibh ghnothaichean air nach eil smachd aige no aice. Cha b’ e ’m muileann nach meileadh ach an t-uisge nach ruitheadh. It wasn’t the mill that wouldn’t grind but the water that wouldn’t run. Bha sinne deònach is comasach air an gnothach a choileanadh, ach bha an dealan dheth, mar eisimpleir. Cha b’ e ’m muileann nach meileadh ach an t-uisge nach ruitheadh.
Agus dè ur beachdan air an t-seanfhacal seo? Cha do rinn uisge glan riamh leann math. Clean water never made good ale. Tha amharas agam nach biodh an fheadhainn a tha a’ dèanamh leann ag aontachadh ri sin! Ach tha e a-mach air daoine, nach eil? Cha leig thu leas a bhith fìor-ghlan airson a bhith math air rudeigin. Cha do rinn uisge glan riamh leann math.
Leis an t-seanfhacal mu dheireadh, tha sinn a’ tilleadh don fhacal bùrn. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach. Tha sin fìor ann an iomadach dòigh, nach eil? It’s difficult to draw clean water from a dirty well. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach.