FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dà Luinneig

Bu mhath leam na briathran airson dà òran bheag thraidiseanta a thoirt dhuibh an t-seachdain seo. Thuirt mi ‘òrain’, ach ?s dòcha gum biodh an tiotal ‘luinneagan’ a cheart cho freagarrach.

Audio is playing in pop-over.

Dà Luinneig

Bu mhath leam na briathran airson dà òran bheag thraidiseanta a thoirt dhuibh an t-seachdain seo. Thuirt mi ‘òrain’, ach ʼs dòcha gum biodh an tiotal ‘luinneagan’ a cheart cho freagarrach. Luinneag – a ditty. ʼS e a’ chiad fhear Moladh a' Bhàta. Praising the boat. Moladh a’ Bhàta. Tha rudeigin sònraichte mun bhàta – a dath. Tha i buidhe.

Seo mar a tha e a’ dol. Seo an t-sèist. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe.

Agus seo agaibh a’ chiad rann. Am bàta buidhe bòidheach. ʼS na seòid inntʼ ann an lèintean. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe.

Leanaidh mi orm leis a’ chòrr dhen òran. Thug sinn an Cuan Siar dhi, Mun dʼ rinn aʼ ghrian ach èirigh. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe.

Seachad Maol Chinn Tìre, Bha siaban geal ag èirigh. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe.

ʼS ann [a] chuir gaoth is fairge i, Cho luath ri earb an t-slèibhe. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe.

Tha ʼm bàta buidhʼ cho dìonach, Ri botal fìon’ is cèir air. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe. Tha an rann mu dheireadh ag innse dhuinn gu bheil an luinneag gu math sean. Aig an àm sin, bhiodh botal fìon’ air a sheulachadh le cèir, seach le àrc no ceap-botail mar a th’ againn gu tric an-diugh.

ʼS e an t-ainm a th’ air an dàrna luinneig Mionam air a’ Ghille Bheag. Tha sin a’ ciallachadh ‘the wee lad is such a sweetie’. Mionam air a’ Ghille Bheag. Ach cha bhi an gille beag a-chaoidh, mar a chluinneas sinn anns an òran! Seo na faclan, ma-thà: Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Cuin a bheir e còt’ agus cleòc às a’ bhùth dhomh? A bheil sibh a’ tuigsinn sin? Tha mi cinnteach gur e boireannach a bhios a’ coimhead air a’ ghille bheag. Cuin a bheir e gùn dhomh? When will he bring me a gown? Cuin a bheir e còt’ agus cleòc às a’ bhùth dhomh? When will he bring me a coat and cloak from the shop? Seo, ma-thà, an còrr dhen luinneig.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Nuair dh’fhàsas e làidir, ʼS a dh’fhàgas e an dùthaich.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Bidh siùil ri crainn àrda, ʼS mo ghràdh-sa ga stiùireadh.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Nach mis’ a bhitheas bòstail, Nuair sheòlas e an iùbhrach. ʼS dòcha nach bi sibh eòlach air an fhacal iùbhrach. Seòrsa de bhàta – cutter ann am Beurla.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Nuair ruigeas e na h-Innsean, Thig sìoda gam ionnsaigh.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Cuin a bheir e còt’ agus cleòc às a’ bhùth dhomh?

Litir 1198 Litir 1198 Litir 1200 Litir 1200

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!