Bha mi ag innse dhuibh mu ainmean-àite anns a bheil am facal ‘leum’. Tha fear annasach ann eadar Stafainn agus Flòdaigearraidh anns an Eilean Sgitheanach – Loch Leum nam Brà. Chaidh innse dhomh le daoine a bhuineas don sgìre gu bheil e a’ ciallachadh ‘the loch of the jump of the quernstones’. Bha droch uachdaran ann a chuir stad air an t-sluagh bho bhith a’ bleith an arbhair aca fhèin. Bha aca ri muileann an uachdarain a chleachdadh agus bha aca ri pàigheadh airson sin.
Agus dè an ceangal a th’ ann eadar an loch agus leum? Uill bha aig na daoine ris na clachan-brà aca a roiligeadh sìos am bruthach agus a-steach don loch. Bha na clachan cruinn. Fhad ʼs a bha na clachan a’ roiligeadh leis a’ bhruthach aig astar, thòisich iad air leum far na talmhainn. Loch Leum nam Brà.
Tha baile beag faisg air an Aghaidh Mhòir air a bheil Coylumbridge ann am Beurla. Ann an Gàidhlig, ʼs e sin Drochaid Choileum. Tha Coileum a’ tighinn bho Cuing-leum ‘narrow leap’. Tha an abhainn an sin cumhang. Nuair nach robh drochaid ann, feumaidh gun robh daoine a’ leum tarsainn na h-aibhne an sin.
Faisg air an Drochaid Bhàin ann an Srath Fharagaig tha àite ann far a bheil an abhainn cumhang. Tha Cnoc a’ Choimhleum an sin – ‘the hill of the narrow jump’. Tha baile beag ri taobh a’ chnuic air a bheil Knockchoilum – le ‘K’ aig an toiseach – ann am Beurla.
Tha am facal cruinn-leum ann an siud ʼs an seo. Saoilidh mi gu bheil e a’ ciallachadh ‘standing jump’. Tha cnocan beag air a’ Chomraich air a bheil An Cruinn-leum. Ge-tà, tha seo a’ ciallachadh, a rèir an OS, ‘round leap’. Mmm. Cruinn-leum.
Agus faisg air Caol Readha anns an Eilean Sgitheanach, tha Bealach na Cruinn-leum. Ge-tà, nuair a chruinnich an t-Suirbhidh Òrdanais na h-ainmean an toiseach, ʼs e Bealach na Greigh-Lèim a bha aca air – ‘the pass of the herd’s leap’. Chanainn gu bheil sin a’ ciallachadh fèidh.
Ach a bheil am facal leum an-còmhnaidh a’ ciallachadh ‘leap’? Tha creag ri taobh na h-aibhne ris an canar River Oude ann an Earra-Ghàidheal air a bheil Leum Uilleim. Tha Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Òrdanais ag innse dhuinn gu bheil e a’ ciallachadh ‘William’s Leap’ agus gun do leum duine bho mhullach na creige gu taobh thall na h-aibhne. Tha a’ chreag àrd agus cha chuireadh e iongnadh orm nam biodh Uilleam bochd air adhbrann a bhriseadh.
Tha an t-ainm sin soilleir gu leòr, ach tha beinn ann an Loch Abar air a bheil an dearbh ainm – Leum Uilleim. An turas seo, tha Leabhar nan Ainmean ag ràdh gu bheil e a’ ciallachadh ‘William’s Point or Line’.
Mar as trice, tha leum ann mar L-E-U-M. Ach, corra uair, bidh dreach ginideach air agus nochdaidh e mar L-È-I-M. Tha dà sgeir sa mhuir anns na Hearadh, eadar Plocropol agus Sgalpaigh. ʼS iad sin Sgeir an Lèim Mhòir agus Sgeir an Lèim Bhig. Am biodh daoine a’ leum bho sgeir gu sgeir? Dè bha iad a’ dèanamh ann? A’ cruinneachadh cairgein? No a bheil ‘leum’ an sin a’ ciallachadh mar a bhios stuaghan-mara a’ leum air latha stoirmeil? Uaireannan, tha barrachd cheistean ann na freagairtean!