FaclairDictionary EnglishGàidhlig

'Leum' in Place names (2) 'Leum' ann an Ainmean-àite (2)

was telling you about place-names containing the word ‘leum’. There is one between Staffin and Flodigarry on Skye.

Audio is playing in pop-over.

'Leum' in Place names (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu ainmean-àite anns a bheil am facal ‘leum’. Tha fear ann eadar Stafainn agus Flòdaigearraidh anns an Eilean Sgitheanach. ʼS e sin Loch Leum nam Brà ‘the loch of the jump of the quernstones’. Loch Leum nam Brà.

Bha droch uachdaran ann. Chuir e stad air an t-sluagh bho bhith a’ bleith an arbhair aca fhèin. Bha aca ri muileann an uachdarain a chleachdadh. Bha iad a’ pàigheadh airson sin. Bha aca ris na clachan-brà aca a roiligeadh sìos am bruthach agus a-steach don loch. Bha na clachan cruinn. Fhad ʼs a bha iad a’ roiligeadh leis a’ bhruthach, thòisich iad air leum far na talmhainn. Loch Leum nam Brà.

Tha baile beag faisg air an Aghaidh Mhòir air a bheil Coylumbridge ann am Beurla. Ann an Gàidhlig, ʼs e sin Drochaid Choileum. Tha Coileum a’ tighinn bho Cuing-leum ‘narrow leap’. Tha an abhainn an sin cumhang. Nuair nach robh drochaid ann, feumaidh gun robh daoine a’ leum tarsainn na h-aibhne an sin.

Faisg air an Drochaid Bhàin ann an Srath Fharagaig tha àite ann far a bheil an abhainn cumhang. Tha Cnoc a’ Choimhleum an sin – ‘the hill of the narrow jump’. Tha baile beag ri taobh a’ chnuic air a bheil Knockchoilum ann am Beurla – le ‘K’ aig an toiseach.

Ach a bheil am facal leum an-còmhnaidh a’ ciallachadh ‘leap’? Tha beinn ann an Loch Abar air a bheil an t-ainm – Leum Uilleim. Tha Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gu bheil e a’ ciallachadh ‘William’s Point or Line’ seach ‘William’s Leap’.

Mar as trice, tha leum air a litreachadh L-E-U-M. Ach, corra uair, bidh dreach ginideach air. Nochdaidh e mar L-È-I-M. Tha dà sgeir sa mhuir anns na Hearadh, eadar Plocropol agus Sgalpaigh. ʼS iad sin Sgeir an Lèim Mhòir agus Sgeir an Lèim Bhig.

Am biodh daoine a’ leum bho sgeir gu sgeir? Dè bha iad a’ dèanamh ann? A’ cruinneachadh cairgein? No a bheil ‘leum’ an sin a’ ciallachadh mar a bhios stuaghan-mara a’ leum air latha stoirmeil? Uaireannan, tha barrachd cheistean ann na freagairtean!

'Leum' ann an Ainmean-àite (2)

An Litir Bheag 888 An Litir Bheag 888 An Litir Bheag 890 An Litir Bheag 890

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!