Ciamar a tha fios agaibh gu bheil uisge air an rathad – gum bi i fliuch an ceann ùine ghoirid? Tha fhios a’m ... bidh sibh a’ coimhead air ro-shealladh air an aimsir air a’ fòn-làimhe no coimpiutair agaibh! Ach ciamar a bhiodh ar sinnsearan a’ dèanamh an aon rud? Tha cuimhne agam air bràthair mo sheanmhar air a’ Chomraich – fear a bha na iasgair. Bhuineadh e don àite agus bha e làn Gàidhlig. Bhiodh esan a’ coimhead air na sgòthan agus air an àirde às an robh a’ ghaoth a’ tighinn. Mar a bu trice, bha an ro-shealladh aigesan ceart.
Gu tric, ge-tà, a rèir beul-aithris, bhiodh na seann Ghàidheil a’ coimhead air na h-eòin. Mar eisimpleir, ann an sgìre Gheàrrloch bhite ag ràdh Nuair a chì thu breac an t-sìl, chì thu ’n t-uisg’. ʼS e Breac an t-Sìl eun beag brèagha, dubh-is-geal – le earball fada – air a bheil pied wagtail ann am Beurla. Saoil am bi e a’ tighinn nas dlùithe ri taighean nuair a tha uisge air an rathad?
Tha am Breacan-baintighearna càirdeach do bhreac an t-sìl. Tha e a’ giùlan an ainm grey wagtail ann am Beurla. Nam biodh e ri fhaicinn faisg air doras an taighe no am measg nan cearc, bhiodh daoine dhen bheachd gun leanadh droch shìde. Bhiodh a’ Bhrù-gheal no wheatear cuideachd ag innse do dhaoine gun robh droch shìde anns an amharc. Nam biodh cuideigin a’ faicinn an eòin seo na sheasamh air clach, mar chiad shealladh dheth san latha, cha bhiodh stoirm fad-às.
Bha beachd na bu mhiosa air eun beag eile – a tha car coltach ris a’ Bhrù-gheal – ris an canar an Clacharan no stonechat. Ged as e deagh rud a bhiodh ann a leithid fhaicinn air sgèith, ʼs ann olc a bhitheadh e nam biodh an t-eun na sheasamh air clach. Tha abairt ann: Chunnaic mi clacharan air clach lom, ʼs dhʼaithnich mi nach dʼ rachadh a’ bhliadhna leam. Bhiodh barrachd na droch shìde a’ feitheamh ribh!
Chlàir an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd (1660-1709), cleachdaidhean is beul-aithris nan Gàidheal Albannach anns an t-seachdamh linn deug. Am measg sin, bha gum biodh beachd aca air an aimsir le bhith a’ dèanamh coimeas, anns a’ mhadainn, eadar dà eun mhòr dhubh. Sin am fitheach agus an fheannag. Nam biodh am fitheach a’ gairm ron fheannaig sa mhadainn, bhiodh deagh latha ann. Nam biodh an fheannag a’ gairm an toiseach, bhiodh droch shìde ann.
Bha ar sinnsearan cuideachd dhen bheachd gun innseadh a’ Chomhachag nuair a bhiodh uisge mòr a’ tighinn. Chanadh iad Tha a’ chomhachag ri bròn, thig tuiltean oirnn. Agus tha daoine dhen bheachd, ma chluinneas iad an Lon-dubh a’ seinn gu h-àrd agus gu snasail, nach fhada gum bi an t-uisge ann.
An coimeas ri sin, bidh seinn a’ Bhrù-dheirg ag innse dhuinn co-dhiù ʼs e deagh aimsir no droch aimsir a tha romhainn. Nuair a bhios brù-dearg na shuidhe ann am preas no callaid, agus e a’ gairm le guth beag, bidh droch shìde ann. Ach air feasgar samhraidh, eadhon ged a bhios e sgòthach, bagairteach, bidh seinn sunndach an eòin ag innse dhuinn gum bi deagh latha ann air an làrna-mhàireach.
Agus dè mu dheidhinn fear de na h-eòin as fheàrr leam – an Uiseag? Ma sheinneas uiseag air latha fliuch, chan fhada gum bi i na turadh.