Bha mi ag innse dhuibh mu Chlann ʼic Coinnich na Cùile ann an Siorrachd Rois, agus mu àiteachan ann an Tìr na Banrigh far a bheil Mackenzie anns an ainm. ʼS e fear de na lochan a bu bhrèagha san robh riamh mi a’ snàmh Lake McKenzie ann an Tìr na Banrigh. Tha a ghrunnd air a dhèanamh de ghainmheach bhàn agus tha an loch air a chuairteachadh le tràighean àlainn. Tha e suidhichte ann an eilean mòr ris an canar Fraser Island.
Nise, chan eil fhios a’m cò am MacCoinnich a thug ainm don loch, ach saoilidh mi gu bheil an t-am ann beachdachadh air ainm dùthchasach a thoirt dha. ʼS e Boorangoora a chanas na tùsanaich ionadail ris.
Tha mi airson tilleadh don Chùil a-nise, agus don Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich. Dh’inns mi dhuibh gun robh e na cheann-suidhe air Comann Tuathanais-ghàrraidh na h-Alba, the Caledonian Horticultural Society. Feumaidh gun robh ùidh shònraichte aige ann an ùbhlan.
Chruthaich MacCoinnich seòrsa ùr de dh’ubhal aig Taigh na Cùile agus ʼs e an t-ainm a th’ air ‘Coul Blush’. Thathar a’ smaoineachadh gur e an t-ubhal sònraichte as fhaide tuath a chaidh a chruthachadh ann an Alba.
Anns an naoidheamh linn deug bha Alba ainmeil airson a cuid ùbhlan. Tha a’ bhuidheann Scottish Apple Producers ag innse dhuinn gun deach còrr is ceathrad seòrsa de dh’ubhal a chruthachadh ann an Alba thairis air na linntean. B’ e an linn a b’ ainmeile airson sin meadhan an naoidheamh ceud deug.
An dèidh sin, thàinig na rathaidean-iarainn agus fionnarachadh fuadain. Leig sin le ùbhlan na bu shaoire faighinn a-steach. Thòisich tuathanaich air faighinn cuidhteas an cuid ubhal-ghoirtean, agus bàrr na bu phrothaidiche a chur. Chailleadh an t-uabhas de ar ubhal-ghoirtean aig an àm sin. Tha iad a’ tilleadh anns an latha an-diugh mean air mhean.
Cia mheud de na seann seòrsaichean Albannach a tha rin lorg fhathast? Chan eil fhios a’m, ach tha feadhainn a’ dol, leithid Beauty of Moray, Galloway Pippin agus James Grieve. Ach bu mhath leam crìoch a chur air gnothaichean an-diugh le iomradh air ubhal iongantach air a bheil an Treabhaiche Fuilteach no Bloody Ploughman.
Tha an seòrsa seo annasach oir faodaidh an taobh a-staigh a bhith eadar pinc is dearg – coltach ri fuil, gu dearbh! Tha an craiceann dorch-dhearg. Thàinig e gu bith air Cars Ghobharaidh, sgìre a tha ainmeil airson mheasan, agus chaidh a chlàradh an toiseach ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a trì (1883).
Ach ciamar a fhuair e an t-ainm an Treabhaiche Fuilteach? Uill, seo an sgeul. Bha treabhaiche ann, agus bha e a’ goid ùbhlan bho Oighreachd Mhig-innis. Chunnaic geamair e agus loisg e a ghunna air. Thuit an treabhaiche marbh.
Nuair a chaidh a chorp a thoirt do a bhean, lorg i ùbhlan na phòcaidean agus thilg i air flagais iad. Dh’fhàs craobh às an fhlagais air an robh ùbhlan sònraichte, agus chaidh an seòrsa ùr ainmeachadh an dèidh an treabhaiche bhochd.