FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Weem (1)

As t-fhoghar an-uiridh, bha mi ann an àite ann an Siorrachd Pheairt ris an canar Weem ann am Beurla.

Audio is playing in pop-over.

Weem (1)

As t-fhoghar an-uiridh, bha mi ann an àite ann an Siorrachd Pheairt ris an canar Weem ann am Beurla. ʼS dòcha nach eil e follaiseach sa mhionaid gur e ainm Gàidhlig a th’ ann. Ach, coltach ris a’ mhòr-chuid de dh’ainmean-àite ann an seann Ghàidhealtachd Siorrachd Pheairt, tha tùs Gàidhlig aige. ʼS e sin am facal uamh no uamh, a’ ciallachadh ‘cave’.

Air a’ chiad shealladh, tha e doirbh fhaicinn gu bheil ceangal ann eadar uamh agus Weem. Ach ʼs e facal boireanta a th’ ann an uamh. Mar sin, bidh sinn ag ràdh anns an uaimh. Agus tha mi an dùil, ceudan bhliadhnaichean air ais, gun tuirt daoine ‘anns an uaim’. Tha am facal a-nise sèimhichte aig an deireadh.

Tha an t-Àrd-ollamh MacBhàtair ag innse dhuinn anns an leabhar mhòr aige The Celtic Place-Names of Scotland gun robh an ‘ua’ aig toiseach an fhacail air fhuaimneachadh mar ‘wa’. Tha e ag ràdh gun cuala e fhèin an dearbh rud ann an ceann a tuath Siorrachd Pheairt, mar eisimpleir ‘dunnie-wassal’ airson ‘duine uasal’. Mar sin, ʼs iongantach mura robh daoine ag ràdh anns an t-seann aimsir ‘sa uaim’ airson ‘in the cave’.

Bha mi airson faighinn a-mach dè a’ Ghàidhlig a th’ air Weem anns an latha an-diugh. Chaidh mi don leabhar aig an Ollamh Jacob King a tha làn ainmean-àite a chaidh a chruinneachadh leis an Urramach Teàrlach MacDhonnchaidh. Tha esan ag innse dhuinn gur e a’ Ghàidhlig a th’ air an àite Uaimh. Chan e ‘An Uaimh’, dìreach Uaimh. Agus carson a tha beachd MhicDhonnchaidh cho cudromach? Tha, a chionn ʼs gur e fìor sgoilear a bh’ ann – agus a chionn ʼs gun do thogadh e anns an sgìre sin, dìreach beagan mhìltean sìos Srath Tatha.

Air cùl Uaimh tha creag mhòr air a bheil Weem Rock ann am Beurla, Creag Uaimh ann an Gàidhlig. Faisg air làimh tha caisteal air a bheil Castle Menzies ann am Beurla. ʼS e a’ Ghàidhlig a th’ air sin Caisteal Uaimh.

Tha Creag Uaimh còmhdaichte le coille ris an canar Weem Wood. ʼS e àite snog a th’ ann le ceum-coiseachd a’ ruith troimhe. Tha soidhne anns a’ choille a tha ag innse dhuinn gu bheil òran ann air a bheil Òran Chreag Uaimh. Seo na tha air an t-soidhne: Chaidh caileag a-staigh don uaimh an seo a’ sir’ laoigh. Chual’ a piuthar a guth a’ seinn:

Tha na naoi glasan iarainn

Eadar mise ʼs dol dhachaigh.

ʼS e fear a’ chleòc dheirg

A tha gam bhacadh.

Bha mi airson faighinn a-mach dè thachair anns an uaimh! Chaidh mi do na notaichean aig MacDhonnchaidh. Tha esan ag innse dhuinn gu bheil dà uaimh air Creag Uaimh. Feumaidh mi aideachadh nach fhaca mi an dàrna tè.

Tha an ceum-coiseachd a’ dol don chiad uaimh. Tha i gu h-àrd air creag ris an canar Creag an t-Seipeil ‘The Chapel Rock’. Chan eil an uamh mòr idir, ach tha tobar ri a taobh. Mar sin, bhiodh uisge ann do dhuine a bhiodh ag iarraidh fuireach anns an uaimh. Agus, a rèir beul-aithris, bha Naomh Cùithbeart a’ fuireach innte anns an t-seachdamh linn. Ach a’ chlann-nighean? Tuilleadh orrasan an-ath-sheachdain.

Litir 1188 Litir 1188 Litir 1190 Litir 1190

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!