Bha mi ag innse dhuibh mu Chlann ʼic Coinnich na Cùile ann an Siorrachd Rois, agus gu seachd àraidh mun Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich. Bha esan na eòlaiche-saidheans ainmeil ach cuideachd na uachdaran brùideil a dh’fhuadaich baile Inbhir Lathail taobh Loch a’ Bhraoin ann am meadhan a’ gheamhraidh.
ʼS e Seòras a thog Taigh mòr na Cùile – am fear a tha na sheasamh an-diugh – ann an Cunndainn ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a h-aon (1821). Tha e a-nise na thaigh-òsta spaideil air a bheil Coul House Hotel. Phòs Seòras dà thuras agus bha aon duine deug de chloinn aige – ochdnar mhac agus triùir nighean.
B’ e an ceathramh mac aige Raibeart Ramsay MacCoinnich. Rugadh e anns a’ Chùil. Aig aois fichead rinn e eilthireachd a Chuimrigh Nuadh a Deas ann an Astràilia far an robh a bhràthair Seumas mu thràth. Bha seachd ceud gu leth not aige na phòcaid – airgead mòr aig an àm sin. Cheannaich Raibeart agus Seumas tuathanas còmhla ach cha deach gu math leotha agus b’ fheudar do Raibeart iarraidh air a theaghlach tuilleadh airgid a chur thuige.
Cha do rinn e adhartas, ge-tà, agus chaidh a chomharrachadh mar bhanca-briste ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a ceithir (1844). Taobh a-staigh trì bliadhna bha e air a chùisean a chur ann an òrdugh agus bha e a-nise na mhaighstir-lagha!
Aig deireadh nan caogadan, bha Raibeart a’ fuireach ann an ceann a tuath Cuimrigh Nuadh a Deas. Rinneadh tuineachadh ùr an sin – Tìr na Banrigh. Chaidh Raibeart an sàs ann am poilitigs. Bha e na Ionmhasair aig an riaghaltas. Cha robh sin dona airson fear a bha banca-briste beagan bhliadhnaichean roimhe!
Dh’èirich e gu bhith na Phrìomhaire ann an Tìr na Banrigh ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1867). Bha e anns an dreuchd airson dìreach sia mìosan deug. Bha mi a’ cur na ceist orm fhìn – saoil an robh Gàidhlig aige? Chan eil fhios a’m.
Co-dhiù, airson crìoch a chur air a sgeul, fhuair e an tighearnas, no baronetcy, nuair a chaochail a bhràthair Uilleam. Thill e a dh’fhuireach ann an Alba ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a h-aon (1871).
Thòisich mi air sùil a thoirt air Clann ʼic Coinnich na Cùile le bhith a’ beachdachadh air ainmean-àite far a bheil Mackenzie anns an ainm. Tha àiteachan ann an Tìr na Banrigh air a bheil Mackenzie, leithid Mackenzie fhèin, fo-bhaile ann am Brisbane. Agus tha sgìre ann air a bheil Mackenzie. Tha sin suidhichte ann an roinn dhen stàite ris an canar Central Highlands. Uill, tha sin iomchaidh!
Bha mi an dùil gum biodh iad math dh’fhaodte air an ainmeachadh an dèidh an fhir a bha na phrìomhaire. Ach cha robh. Tha an sgìre air a bheil Mackenzie a’ faighinn ainm bho Abhainn MhicCoinnich, the Mackenzie River. Chaidh an abhainn ainmeachadh leis an neach-rannsachaidh ainmeil, Ludwig Leichhardt, an dèidh a charaid, Eòghan MacCoinnich à Kilcoy Station. Bhuineadh Eòghan do Chùil Challaidh – Kilcoy – ann an Ros an Ear ann an Alba.
Agus Mackenzie ann am Brisbane? Chaidh ainmeachadh an dèidh a’ Chòirneil W MacCoinnich a bha a’ fàs siùcar anns an sgìre sin.