FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Clann ’ic Coinnich na Cùile (1)

Tha e iongantach na th’ ann de dh’àiteachan air feadh an t-saoghail far a bheil ‘MacCoinnich’ – no ‘Mackenzie’ – anns an ainm.

Audio is playing in pop-over.

Clann ’ic Coinnich na Cùile (1)

Tha e iongantach na th’ ann de dh’àiteachan air feadh an t-saoghail far a bheil ‘MacCoinnich’ – no ‘Mackenzie’ – anns an ainm. Seo agaibh feadhainn dhiubh – Mackenzie County, Alberta; McKenzie, Tennessee; Point MacKenzie, Alasga; Mackenzie, Guyana; Mackenzie Basin, Sealan Nuadh; Mackenzie, Queensland agus Mackenzie Bay ann an Graonlann. Gun luaidh air Eilean MhicCoinnich far Port na h-Abhainne ann an Ìle!

Tha mi airson sùil a thoirt air dà àite a tha fada bho chèile far a bheil ‘Mackenzie’ air na mapaichean. An toiseach gu costa an ear-thuath Ghraonlainn far a bheil Mackenzie Bay – Bàgh MhicCoinnich. Chaidh ainmeachadh an toiseach mar Mackenzie’s Inlet leis an neach-rannsachaidh Shasannach, Uilleam Scoresby, ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a dhà (1822). Faisg air caogad bliadhna an dèidh sin, chaidh ath-ainmeachadh Mackenzie Bay le buidheann de luchd-rannsachaidh Gearmailteach.

Ach cò am MacCoinnich a thug ainm dha? Uill, fear de dh’uaislean na Gàidhealtachd – Sir Seòras Stiùbhart MacCoinnich, an seachdamh tighearna no baronet dhen ainm. Bhuineadh e don Chùil ann an Cunndainn, faisg air Srath Pheofhair ann an Ros an Ear. Bha deagh chliù is droch chliù aig Seòras, agus tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.

Rugadh e ann an seachd ceud deug is ochdad (1780). Bha an teaghlach aige beartach agus fhuair e foghlam prìobhaideach. Rinn e ceum ann an saidheans ann an Oilthigh Dhùn Èideann.

Aig aois fichead, choisinn e cliù dha fhèin am measg luchd-saidheans nuair a dhearbh e gu bheil daoimeanan air an dèanamh de charbon. Rinn e deuchainnean air dèanamh stàilinn le bhith a’ cothlamadh iarann agus daoimeanan. A rèir aithris, ʼs ann bho sheudraidh a mhàthar a thàinig na daoimeanan! Mar a thuirt mi, ʼs e teaghlach beartach a bh’ ann, eucoltach ris a’ chuid mhòir air a’ Ghàidhealtachd.

Bha Seòras na bhall de Chomann Rìoghail Dhùn Èideann – agus tro thìde bhiodh ballrachd aige ann an Comann Rìoghail Lunnainn. Bha e cuideachd na cheann-suidhe air Comann Tuathanais-ghàrraidh na h-Alba.

Ach ʼs ann ann an creag-eòlas agus mèinn-eòlas a bu motha a thog e cliù. Chaidh e air tursan mara gu ruige Innis Tìle agus na h-Eileanan Fàrach, agus sgrìobh e earrannan dhen leabhar ‘Travels in Iceland’. Anns an leabhar sin, chuir e air adhart mìneachadh air mar a bhios gìosaran ag obair. Cha robh e riamh ann an Graonlann, ach bha e ainmeil mar neach-saidheans agus chaidh Mackenzie Bay ainmeachadh air a shon.

An-ath-sheachdain, bheir mi sùil a bharrachd air an teaghlach seo – Clann ʼic Coinnich na Cùile – gu h-àraidh ann an co-cheangal ri Tìr na Banrigh ann an Astràilia. Ach thuirt mi na bu tràithe gun robh droch chliù aig Seòras Stiùbhart MacCoinnich.

ʼS e a bu choireach ri falmhachadh Inbhir Lathail faisg air Ullapul. Thòisich am fuadachadh seo air Latha Fèill Màrtainn ann an ochd ceud deug is naoi-deug (1819) agus lean e greis. Ann am meadhan a’ gheamhraidh, chaidh còrr is caogad teaghlach a chur às an dachannan. Bha e brùideil.

Litir 1184 Litir 1184 Litir 1186 Litir 1186

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!