FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seanadh Whitby (1)

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Fìonan.

Audio is playing in pop-over.

Seanadh Whitby (1)

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Fìonan. Bha e na Easbaig ann an Lindisfarne. Bha mi cuideachd ag innse dhuibh mu Sheanadh Whitby ann an sia ceud, seasgad ʼs a ceithir (664). Bha sin air a chumail airson co-dhùnadh a dhèanamh air cuin dìreach a bhiodh an Eaglais a’ cumail fèill na Càisge.

Tha cuid dhen bheachd gun deach an seanadh sin a chur dheth gu às dèidh bàs Fhìonain. Carson? Uill, bha Fìonan gu tur an aghaidh a’ Chàisg atharrachadh.

An-diugh, tha mi airson sùil a thoirt air Seanadh Whitby fhèin agus ceann-latha na Càisge. Bha an co-dhùnadh a rinneadh ann an Whitby cudromach ann an eachdraidh na h-Eaglaise agus ann an eachdraidh Shasainn ʼs na h-Alba.

Anns an t-seachdamh linn, bha muinntir Northumbria a’ gabhail ris a’ chreideamh Chrìosdail mean air mhean. Bha miseanaraidhean air a dhol ann a bhuineadh do dhà dhiofar ‘sgoil’. Air an dàrna làimh, bha feadhainn ann a bha dìleas do chleachdaidhean na Ròimhe. Air an làimh eile, bha na Ceiltich – na Gàidheil – le ceanglaichean do dh’Eilean Ì. Bha iadsan dìleas do na cleachdaidhean anns na h-eaglaisean co-cheangailte ri Ì ann an Alba agus Èirinn.

B’ e an diofar a bu mhotha a bh’ ann eadar an dà sgoil an latha a bh’ air a chomharrachadh mar a’ Chàisg – Didòmhnaich na Ceusta. Airson seo a mhìneachadh, tha mi airson a dhol don t-Soisgeul aig Eòin anns a’ Bhìoball. Ann an Eòin Caibideil 19 tha Pìleat air Ìosa a chur an grèim. Tha e a’ dol ga shaoradh ach tha na ceannardan Iùdhach ag iarraidh air Ìosa a cheusadh. ʼS e ceusadh a thachair.

Ann an rann ceithir-deug tha seo: Agus b’ e latha ullachaidh na Càisge e, agus mu thimcheall na siathamh uaire. Tha sin a’ ciallachadh mu mheadhan-latha oir bhathar a’ cunntadh nan uairean bho shia uairean sa mhadainn nuair a bhiodh na manaich ag èirigh. Ach dè thathar a’ ciallachadh le latha ullachaidh na Càisge?

Anns na dreachan Beurla dhen Bhìoball, thathar ga eadar-theangachadh mar ‘the day of preparation of the Passover’. Tha na faclan Passover, Paschal agus Càisg uile ceangailte ri chèile. Ann an Gàidhlig ʼs e ‘Càisg nan Iùdhach’ a chanas sinn airson Passover. Bha daoine a’ comharrachadh latha-ceusaidh Ìosa a rèir fèill Iùdhach. Agus bha na h-Iùdhaich a’ tomhas cuin a bhiodh sin ann a rèir staid na gealaich.

Ann am mìosachan nan Iùdhach, bidh gach mìos a’ tòiseachadh leis a’ ghealaich ùir. Ceala-deug an dèidh sin bidh a’ ghealach làn. Bidh Càisg nan Iùdhach a’ tòiseachadh air latha na gealaich làin anns a’ chiad mhìos dhen Earrach. Canaidh na h-Iùdhaich ‘Nisan’ ris a’ mhìos sin.

Cha robh na Crìosdaidhean ag iarraidh a’ Chàisg a chomharrachadh air an aon latha ri Càisg nan Iùdhach. Agus bha iad airson ʼs gum biodh i an-còmhnaidh air Didòmhnaich. Mar sin, aig Nicaea, baile Greugach faisg air Constantinople, bha co-labhairt air a cumail anns a’ bhliadhna trì cheud, fichead ʼs a còig (325). Rinn na h-easbaigean co-dhùnadh air cuin dìreach a bhiodh a’ Chàisg air a cumail. An ath thuras, chì sinn dè an co-dhùnadh a bh’ aca, agus chì sinn dè thachair aig Seanadh Whitby.

Litir 1179 Litir 1179 Litir 1181 Litir 1181

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!