Nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh airson leabhar a sgrìobh mi mu Ainmean-àite sgìre Inbhir Nis, nochd ainm pears-eaglais dà thuras. B’ esan Naomh Fìonan. Seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhite ga chomharrachadh. Tha a latha-fèille air an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran.
O chionn ghoirid, thug mi cunntas dhuibh air naomh eile – Drostan. Thug sinn sùil air na tha sgrìobhte ann an Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain mu dheidhinn. Anns an Litir seo, tha mi airson innse dhuibh mu Naomh Fìonan, a rèir an dearbh leabhair.
ʼS e Gàidheal a bh’ ann, à Èirinn. Bha e cho naomh na òige ʼs gun robh a cho-aoisean dhen bheachd gum biodh e na easbaig uair no uaireigin. Bha iad ceart. Ghabh e dreuchd Easbaig Lindisfarne anns a’ bhliadhna sia ceud, caogad ʼs a h-aon (651).
Chan eil e soilleir an robh Fìonan ann an Eilean Ì. Ach bha ceanglaichean ann eadar eilean naomh Ì agus eilean naomh Lindisfarne. Chaidh Aodhan, no Aidan, à Ì gu ruige Lindisfarne. ʼS e Gàidheal a bh’ ann an Aodhan. Math dh’fhaodte gun deach Fìonan ann mar mhanach òg mun aon àm. Chaidh Aodhan a dhèanamh na Easbaig ann sa bhliadhna sia ceud, trithead ʼs a còig (635).
Tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun tàinig beatha Aodhain gu ceann an dèidh dha a bhith na easbaig ann an Lindisfarne fad seachd bliadhn’ deug. Tha daoine dhen bheachd gun do rinn Aodhan barrachd na duine sam bith eile airson Crìosdachd a stèidheachadh ann an Northumbria.
Nuair a chaochail Aodhan, chaidh Fìonan a thaghadh mar Easbaig Lindisfarne le coitheanal anns an robh fir is boireannaich agus pearsaichean-eaglais. Bha e gu bhith anns an dreuchd sin airson deich bliadhna. Dh’obraich Fìonan am measg nan Sasannach, agus bhaistich e Peada, Rìgh nan Anglach Meadhanach.
Chaochail e air an t-seachdamh latha deug dhen Ghearran, sia ceud, seasgad ʼs a h-aon (661). ʼS e sin as coireach gur e a latha-fèille an seachdamh latha deug dhen Ghearran.
Dè bh’ air tachairt nam biodh Fìonan air a bhith beò beagan bhliadhnaichean a bharrachd? Chan eil fhios a’m, ach ann an sia ceud, seasgad ʼs a ceithir (664) thàinig eas-aonta anns an Eaglais gu ceann. Bha na Sasannaich a’ tionndadh gu dòigh ùr Ròmanach airson ceann-latha na Càisge obrachadh a-mach.
Bha na Gàidheil, Fìonan nam measg, a’ leantainn leis an t-seann dòigh. Ann an Seanadh Whitby, ann an sgìre-easbaig Northumbria, dh’aontaich na pearsaichean-eaglais Sasannach dhol leis an t-siostam ùr. Bha sin air a bhith piantail do dh’Fhìonan.
Ach tha Fìonan a’ nochdadh an siud ʼs an seo ann an ainmean-àite na h-Alba. Tha Eilean Fhìonain ann an Loch Seile. Ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Lumphanan. Tha beachd ann gur e sin Lann Fhìonain, no Lann Fìonain. Tha Cill Fhìonain aig ceann Loch Lòchaidh agus cuideachd ann an ceann a deas Earra-Ghàidheal.
Timcheall Loch Nis, tha Cill Fhìonain eile faisg air Obar Itheachan. Agus ann an Srath Narann, thathar ag ràdh gun robh Naomh Fìonan a’ searmonachadh uaireigin ann an Dùn Fhlichididh. Bha ìomhaigh dheth ann ach chaidh a sgrios an dèidh an Ath Leasachaidh, cha mhòr mìle bliadhna an dèidh bàs an naoimh.