Tha sinn a’ toirt sùil air na notaichean Gàidhlig ann an Leabhar Dhèir. Bha mi ag innse dhuibh mar a ghabh mac aig Bede galar. Bha sin an dèidh do Bhede, an ceannard Cruithneach ionadail, àite airson manachainn a dhiùltadh do Chalum Cille.
Seo na thachair an uair sin, mar a th’ aig Uilleam MacBhàtair anns an leabhar aige Rosg Gàidhlig: … chaidh am morair a dh’athchuinge nan clèireach gun dèanadh iad ùrnaigh leis a’ mhac chum tigeadh slàinte dha, agus thug e an ìobairt dhaibh o cloich an tiobrad gu ruige cloich Peit-mhic-Gharnaid.
Tha sin a’ ciallachadh gun do thuig Bede gun robh cumhachd aig na clèirich Chrìosdail. Dh’iarr e orra ùrnaigh a dhèanamh airson a mhic. Nan tigeadh piseach air, gheibheadh na clèirich am fearann a dh’ainmich Bede eadar cloich an tiobrad agus cloich Peit-mhic-Gharnaid.
A rèir Leabhar Dhèir, rinn na clèirich ùrnaigh agus thàinig slàinte don ghille. Cha do chùm Calum Cille am fearann dha fhèin, ge-tà. ʼS ann a thug e seachad e do a chompanach, Drostan. Seo na tha anns na notaichean anns an Leabhar: … thug Calum Cille do Dhrostan a’ chathair sin, agus bheannaich e i, agus dh’fhàg e am briathar – ge b’ e a sheasadh na h-aghaidh, nach biodh e bliadhnach, buadhach.
Dh’fhàg Calum Cille mallachd air duine sam bith a chuireadh an aghaidh na manachainn – nach biodh e bliadhnach, buadhach. Tha sin a’ ciallachadh nach biodh a bheatha fada no soirbheachail.
Nise, a bheil sibh eòlach air Dèir ann an Siorrachd Obar Dheathain? Chan eil sgeul air a’ mhanachainn san latha an-diugh. Ach thathar a’ smaoineachadh gun robh i an ìre mhath far a bheil Old Deer. Ach dè as ciall don ainm Deer – no ann an Gàidhlig Dèir? Uill tha an seantans mu dheireadh anns a’ chiad earrainn de na notaichean ag innse sin dhuinn – ma ghabhas e creidsinn: Seo an rosgrann gu lèir: Thàinig deòir Dhrostain air sgaradh ri Calum Cille. Labhair Calum Cille, ‘biodh Dèir ainm bho seo a-mach. Anns an dàrna linn deug, chanadh na Gàidhlig déara far am bi sinne ag ràdh an-diugh deòir. Tears. Mar sin, thàinig an t-ainm-àite Dèir – no Deer – bho na deòir a leig Drostan nuair a thill Calum Cille a dh’Eilean Ì.
Cuimhnicheamaid gun robh an sgrìobhadair beò mu shia ceud bliadhna an dèidh turas Chaluim Chille a Dhèir. ʼS dòcha gun robh an cunntas ann am beul-aithris air a chruthachadh airson an t-ainm a mhìneachadh. Ach, air an làimh eile, chan eil mìneachadh eile agam.
Dh’fhalbh Calum Cille a dh’Ì, ach dè thachair do Dhrostan? Cò bh’ ann an Drostan? Gu fortanach dhuinn, tha cunntas air anns an leabhar ainmeil Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain no Breviarium Aberdonense. Ged a tha an leabhar sin sean, chan eil e cho sean ri Leabhar Dhèir. Chaidh a chur an clò ann an còig ceud deug is deich (1510). Tha e ag innse dhuinn gun robh Drostan na aba agus gun robh a latha fèille air a’ cheathramh latha deug dhen Dùbhlachd. Tuilleadh mu dheidhinn anns an ath Litir.