Bha mi ag innse dhuibh mu Leabhar Dhèir, The Book of Deer. An-diugh, tha mi a’ dol a leughadh dhuibh a’ chiad earrainn de na notaichean Gàidhlig ann. Seo a’ chiad phàirt dhen chiad sheantans: Colum Cille & Drostan mac Cosgreg a dalta tangator a hÍ mar ro falseg Dia doib gonic Abbordoboir, & Bede cruthnec robo mormaer Buchan ar a ginn...
Tha mi a’ dèanamh dheth nach do rinn sibh cus dhen sin. Agus chan urrainn dhomh a bhith cinnteach mar a bha cuid de na faclan air am fuaimneachadh. Nam biomaid a’ sgrìobhadh an aon teacsa ann an Gàidhlig an latha an-diugh, seo mar a bhitheadh i: Calum Cille agus Drostan mac Chosgraich a dhalta, thàinig (iad) à (Eilean) Ì mar a dh’fhoillsich Dia dhaibh gu ruige Obar Dobhair, agus (ʼs e) Bede (an) Cruithneach a bha (na) mhorair (air) Buchan air an cionn.
Bidh sibh a’ mothachadh nach eil an gnìomhair tangator – thàinig – aig toiseach an t-seantans. Ge-tà, anns an dàrna seantans, tha an dearbh fhacal aig an toiseach!
Tha an cunntas ag innse dhuinn gun tàinig Calum Cille agus an neach-leantainn aige, Drostan, à Eilean Ì gu ruige Obar Dobhair. Tha Obar Dobhair air a’ chladach gu tuath air Dèir. Math dh’fhaodte gur e am port as fhaisge air Dèir, no as fàbharaiche airson faighinn a Dhèir. Tha mi an dùil gun tàinig Calum Cille agus Drostan à Ì air bàta agus air cois no muin-eich, suas an Gleann Mòr a dh’Inbhir Nis. An uair sin ann an soitheach gu ruige Obar Dobhair.
Thug Dia stiùir do na naoimh a dhol don ear-thuath. Ach nuair a ràinig iad Buchan – no Bùchainn mar a chanas cuid – bha aca ri dèiligeadh ris an fhear a bu chumhachdaiche anns an sgìre – am morair no mormaer. B’ esan Bede. Bha e na Chruithneach. Bha an dùthaich sin fhathast fo smachd nan Cruithneach.
An robh Bede taiceil dhaibh? Bha, aig an toiseach. An robh Bede na Chrìosdaidh mu thràth? No an robh adhbharan poilitigeach aige taic a thoirt do Chalum Cille? Chan eil fhios a’m, ach tha Leabhar Dhèir ag innse dhuinn gun tug Bede a’ mhanachainn dhaibh ‘ann an saorsa gu bràth’. Cha chuireadh morair no toiseach – ceannardan an latha – stad orra.
Ach dè a’ mhanachainn? Chan e Dèir, ach Obar Dobhair. Tha na notaichean Gàidhlig ag innse dhuinn gun deach Calum Cille agus Drostan an uair sin gu àite eile: Thàinig iad na dhèidh sin gu cathair eile, agus thaitinn i ri Calum Cille oir bu làn de rath Dhè i.
Tha sin a’ ciallachadh gun do chòrd an t-àite ri Calum Cille oir bha e làn gràs Dhè. B’ e an t-àite seo Dèir. Dh’iarr Calum Cille air Bede an t-àite a thoirt seachad dha. Ach, an turas seo, dhiùlt Bede.
Cha robh an gnothach seachad aige sin. ʼS e fear cumhachdach a bh’ ann an Calum Cille. Seo an ath earrann dhen chunntas: ghabh mac dha (Bede) galar ... agus bha e marbh ach beag. Tha sin a’ ciallachadh gun do ghabh gille aig Bede galar agus gun robh e aig uchd-bàis. Cluinnidh sinn an-ath-sheachdain mar a bha seo bunaiteach do stèidheachadh na manachainn ann an Dèir.