Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Drostan. Tha e air ainmeachadh ann an Leabhar Dhèir. Ach tha an cunntas seo a’ tighinn bho Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain no Breviarium Aberdonense. Chan eil e soilleir cà’ n do rugadh e, ach tha an leabhar ag innse dhuinn gun do bhuineadh e do chinneadh rìoghail nan Albannach.
Leis gun robh Drostan ag amas air a bhith ag obair ann an seirbheis Dhè, thug a phàrantan e dha uncail – Naomh Calum Cille – a bha a’ fuireach ann an Èirinn. An sin, bhiodh e a’ faighinn ionnsachadh creideimh.
Bha Drostan an uair sin a’ fuireach ann an àite ris an canar Dalquongale. Tha na sgoilearan a’ dèanamh dheth gur e sin Dercongal faisg air Dùn Phris, air a bheil Hollywood an-diugh. Nuair a chaochail an seann aba an sin, bha Drostan air a dhèanamh na aba ann.
Bha e an sin greis. An uair sin, dh’fhalbh e a dh’fhuireach ann an àiteachan iomallach. Bha e a’ fuireach mar aonaran ann an dìthreabhan. Thog e eaglais ann an Gleann Easg ann an Monadh Aonghais.
Tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun robh Drostan co-cheangailte ri aon mhìorbhail. Thug e fradharc às ùr do shagart dall dom b’ ainm Simon.
Feumaidh gun robh e a’ fuireach ann an Gleann Easg fad ùine mhòr. ʼS e duine naomh a bh’ ann agus bha spèis aig an t-sluagh air. Nuair a chaochail e, thachair rud inntinneach. Chaidh na cnàmhan aige a thoirt a dh’Obar Dobhair – an t-àite far an tàinig e fhèin is Calum Cille gu tìr nuair a fhuair iad fearann airson manachainn ann an Dèir. Chaidh na cnàmhan a chur ann an tuam cloiche ann an Obar Dobhair. Bhiodh mòran daoine, a bha a’ fulang le galaran de dh’iomadh seòrsa, a’ dol ann. Bhiodh iad a’ faighinn leigheas ann. Mar a thachair leis a’ ghille aig Bede, thigeadh slàinte thuca.
Ged a tha Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain ag innse dhuinn gun robh ceangal eadar Drostan agus Obar Dobhair, chan eil e a’ dèanamh iomradh sam bith air Dèir. Tha e coltach nach robh an fheadhainn a chuir an Leabhar Ùrnaighean ri chèile eòlach air Leabhar Dhèir.
Cuideachd, ged a tha an Leabhar Ùrnaighean ag ràdh gur e Albannach a bh’ ann an Drostan – a’ ciallachadh Gàidheal – thathar a’ smaoineachadh gur e ainm Cruithneach a bh’ aige. Agus tha e co-cheangailte ri sgìre anns an ear-thuath far an robh na Cruithnich a’ riaghladh fad ùine mhòr.
Ged nach eil sgeul air Manachainn Dhèir an-diugh, a bheil dualchas Dhrostain fhathast beò? Tha, gu dearbh. Tha e air a chuimhneachadh ann an Obar Dobhair far a bheil eaglais air a bheil Eaglais Naoimh Dhrostain. Tha tobar anns a’ bhaile air a bheil Tobar Dhrostain mar ainm.
Tha ainmean-àite ga chuimhneachadh ann an Gleann Easg cuideachd – ach an sin ʼs e Droustie a th’ air. Mar eisimpleir, tha Droustie’s Meadow agus Droustie’s Well ann.
Tha an naomh ceangailte ri Obar Lobhair ann an Srath Spè cuideachd. ʼS e Sgìre Dhrostain a chanas sinn ris a’ pharaiste an sin. Agus tha àiteachan ann an Gleann Urchardain, Bàideanach agus Gallaibh co-cheangailte ris. ʼS iomadh eaglais ann an Alba air a bheil Eaglais Dhrostain mar ainm. Is fhiach an duine a chuimhneachadh gun teagamh.