FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Leabhar Dhèir (1)

Tha an Litir air a bhith a’ dol fad còrr is dà bhliadhna fichead agus bha mi deimhinne gun robh mi air sgrìobhadh mu Leabhar Dhèir innte gu tric.

Audio is playing in pop-over.

Leabhar Dhèir (1)

Tha an Litir air a bhith a’ dol fad còrr is dà bhliadhna fichead agus bha mi deimhinne gun robh mi air sgrìobhadh mu Leabhar Dhèir innte gu tric. No co-dhiù corra uair. Chuir e iongnadh orm nuair a rinn mi rannsachadh. Fhuair mi a-mach nach robh mi air sgrìobhadh air a’ chuspair sin ach aon turas a-mhàin – air ais aig an toiseach ann an Litir 4.

Tha mi a’ dol a chur sin ceart an-dràsta fhèin. Seo agaibh beachd air Leabhar Dhèir, The Book of Deer, aig Uilleam MacBhàtair. Bha MacBhàtair na Àrd-ollamh anns na cànanan Ceilteach ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Seo na sgrìobh e – ann an Gàidhlig.

‘Is i seo a’ Ghàidhlig as sine a tha againn an Albainn, agus air an adhbhar sin a-mhàin tha i airidh air gach urram uainn. Ach a bharrachd air sin tha an leabhar a’ cur mòran solais air seann eachdraidh na dùthcha agus na h-eaglaise.’

Anns an leabhar Rosg Gàidhlig, a chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn còrr is ceud bliadhna, tha MacBhàtair ag ràdh seo: ‘Bhuineadh Leabhar Dhèir do Mhanachainn Dhèir am Buchan, a chaidh a shuidheachadh, a rèir aithris an leabhair fhèin, le Colum Cille agus le Drostan. Anns an leabhar tha an soisgeul a rèir Eòin agus cuid de na soisgeulan eile an Laidinn ach air trì no ceithir duilleagan agus air oir dhuilleagan eile gheibhear air a sgrìobhadh anns an t-seann Ghàidhlig eachdraidh no beul-aithris air suidheachadh na manachainne agus cuimhneachain air tiodhlaicean a rinneadh dhi le tighearnan na dùthcha.’

Thuig Mac Bhàtair gu h-iomlan cho cudromach ʼs a bha Leabhar Dhèir ann an eachdraidh na h-Alba agus ann an dualchas nan Gàidheal. Bha a’ Ghàidhlig ann air a sgrìobhadh anns an dàrna linn deug. Chaidh an stuth fhoillseachadh anns an naoidheamh linn deug. Agus thug an sgoilear Alasdair Mac Bheathain sùil gheur air. Sgrìobh e mu dheidhinn anns na Transactions aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis.

Tha mi a’ dol a leughadh dhuibh a’ chiad earrainn de na notaichean Gàidhlig ann an Leabhar Dhèir. ʼS dòcha gum bu chòir dhomh innse dhuibh cà’ bheil Dèir. Tha e anns an ear-thuath, faisg air Obar Dheathain. Bha seann abaid an sin. Am measg a h-uile càil eile, tha an leabhar a’ cur nar cuimhne gun robh Gàidhlig ga bruidhinn uaireigin anns an ear-thuath.

Tha toiseach a’ chunntais ag innse dhuinn mar a fhuair Dèir ainm, co-dhiù a rèir beul-aithris. Thig sinn gu sin an-ath-sheachdain. Ach bu chòir rudeigin a ràdh mun dithis charactaran a nochdas anns a’ chiad sheantans. ʼS e a’ chiad fhear Calum Cille no Colum Cille. Tha fios agaibh uile cò th’ ann, tha mi an dùil – seann aba Eilean Ì.

ʼS e an dàrna fear naomh air an robh Drostan – Drostan mac Chosgraich. B’ e dalta aig Calum Cille a bh’ ann an Drostan. Ged a bhiomaid a’ ciallachadh le dalta an-diugh ‘foster child’ no ‘stepchild’, ʼs dòcha gun robh e a’ ciallachadh neach-leantainn no ‘disciple’ cuideachd anns an t-seann aimsir. An-ath-sheachdain, bheir sinn sùil air an teacsa.

Litir 1173 Litir 1173 Litir 1175 Litir 1175

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!