An cuala sibh mu bhaile ann an Tìr na Banrigh air a bheil ‘Gin Gin’? Tha e eadar Brisbane agus Rockhampton. Tha e ann an sgìre ris an canar Dùthaich an Albannaich Fhiadhaich – no Wild Scotsman Country. ʼS ann anns an sgìre sin a chaidh Seumas Mac a’ Phearsain a ghlacadh.
Ann an naoi ceud deug, naochad ʼs a h-aon (1991), sia fichead ʼs a còig bliadhna an dèidh a’ ghlacaidh, bha ath-achdachadh ann dheth. Bha postair ann le seo air: ‘Join in the capture of James McPherson alias The Wild Scotchman, Queensland’s only Fair Dinkum Bushranger’.
Bha Mac a’ Phearsain ainmeil. Choisinn e cliù dha fhèin mar mhèirleach a bha modhail is dòigheil. Ged a ghoideadh e stuth, agus gunna na làimh, cha bhiodh e fòirneartach.
Chùm e ceum air thoiseach air na poilis fad na h-ùine. Chan iad na poilis a ghlac e ach fir às an àite fhèin. Ghlac iad e a chionn ʼs gun robh an t-each aige ro sgìth airson cumail a dol.
Ge-tà, cha robh na poilis a’ dol a ghabhail teansa leis. Bha e ann an glas-làmh agus iarann-coise fad na h-ùine. Chaidh a thoirt a Bhrisbane, don phrìosan ùr. Bha Mac a’ Phearsain air a bhith an sàs ann an togail a’ phrìosain sin nuair a bha e na phreantas sa bhaile.
Chaidh cùisean gu math dha. Fhuaradh neo-chiontach e air casaidean de bhith a’ leòn òstair. Ach cha robh gnothaichean seachad. Chaidh a thoirt gu baile eile – Maryborough – far an do nochd e sa chùirt air casaidean de mhèirle. Fhuaradh ciontach e an turas seo agus chaidh binn-phrìosain a chur air de dh’fhichead ʼs a còig bliadhna. ʼS e dìreach nach robh e air a bhith fòirneartach a chùm e far na croiche.
Bha e sa phrìosan ann am Brisbane greis. Chuir athair athchuinge chun an Riaghladair, a’ sireadh saorsa airson a mhic. Ach cha deach leis.
Ann an ochd ceud deug is seachdad (1870), chaidh Mac a’ Phearsain a chur gu prìosan ùr – eilean ann am Bàgh Mhoreton ris an canar St Helena. Ged a dh’fheuch e ri teicheadh aon turas, bha na h-ùghdarrasan dhen bheachd gun robh e air atharrachadh. An dèidh ochd bliadhna sa phrìosan, chaidh a shaoradh.
Airson a’ chòrr de a bheatha, bha Mac a’ Phearsain air taobh ceart an lagha. Chaidh e a dh’obair le crodh is eich. Choisinn e cliù dha fhèin mar fhear a bhiodh ag obair gu cruaidh agus gu h-onarach. Phòs e agus bha sianar cloinne aige. Chaidh iad a dh’fhuireach gu tuath ann am Burketown. Sin far an d’ fhuair e bàs ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig (1895).
Bha a bhàs annasach. Bha Seumas air a bhith aig tiodhlacadh caraid a thuit far eich. Bha e a’ tilleadh dhachaigh nuair a thilg an t-each aige fhèin e. Chaidh a chlaigeann a bhriseadh agus bha e gun mhothachadh gus an do chaochail e. B’ e sin deireadh an ‘Albannaich Fhiadhaich’ à Srath Spè. Leis an fhìrinn innse, ged a bha e na eucoireach agus gun deach E far an rathaid dhìrich, cha chreid mi gun robh e cus ro fhiadhaich.