Bu mhath leam sgeulachd Ghàidhlig à Siorrachd Pheairt innse dhuibh. ’S e an t-ainm a th’ oirre Cùis-eagail Phàra Mhòir. Tha Pàra a’ seasamh airson Pàraig no Pàdraig. Tha an sgeulachd stèidhichte air taobh a deas Loch Tatha, timcheall baile ris an canar Àird Eònaig.
Bha ceàrdach ann an Àird Eònaig agus bhiodh na fir a’ cruinneachadh an sin gu tric air an oidhche. Bhiodh iad ag innse naidheachdan do chàch a chèile. Bhiodh iad ag innse sgeulachdan cuideachd – mu dheidhinn taibhsean, sìthichean, ùruisgean is buidsichean.
Bha gobha Àird Eònaig na dhuine tuigseach, còir is foighidneach. Ach cha robh foighidinn gu leòr aige nuair a thigeadh e gu Pàra Mòr. Bhiodh Pàra anns a’ cheàrdaich uabhasach tric. Agus bhiodh e a’ fuireach ann gus am biodh an doras air a dhùnadh aig deireadh na h-oidhche. Cha robh e cho diofar dè cho anmoch ’s a bha e.
Feasgar a bha seo, thàinig figheadair òg don cheàrdaich. Ann an Siorrachd Pheairt canaidh iad figheadair airson breabadair. Bha slabhraidh bhriste aig an fhighdeadair agus bha e ag iarraidh air a’ ghobha a càradh.
Nochd Pàra Mòr cuideachd – mar a bu dual dha. Thug an gobha am figheadair gu aon taobh. ‘Bidh mi fada nad chomain ma chuireas tu eagal air an lunndair mhòr sin,’ thuirt an gobha. ‘Tha mi air mo shàrachadh leis, agus e na shuidhe an sin ri glagaireachd gun bhrìgh.’
‘Is bargan e,’ thuirt am figheadair òg. Mu bheul na h-oidhche, nuair a bha an t-slabhraidh càraichte, ghabh am figheadair an rathad dhachaigh. Air an rathad bha craobh-dharaich. Shreap am figheadair suas agus shuidh e air meur làidir.
Chaidh Pàra Mòr a chur a-mach às a’ cheàrdaich aig deireadh na h-oidhche. Bha an oidhche dorch, agus bha Pàra air a bhith a’ cluinntinn naidheachdan gu leòr mu shìthichean, taibhsean is a leithid. Bha e fo iomagain a’ coiseachd dhachaigh. Ràinig e a’ chraobh-dharaich.
Bha am figheadair òg air a’ mheur os cionn Phàra Mhòir. Leig e an t-slabhraidh air an rathad. Rinn i gleadhraich oillteil. Chuala Pàra guth os a chionn. ‘Is mise an Diabhal. Is fhad’ on a bha mi an tòir ort, ach bidh thu agam a-nochd!’ Cha mhòr nach deach Pàra à cochall a chridhe leis an eagal!
Ruith e cho luath ri fiadh gus an do ràinig e taigh. Leum e a-steach air an doras agus thuit e an comhair a chinn na phaisean air an làr. Rè ùine is gann a bha plosg ann am Pàra Mòr.
Chaidh fear is bean an taighe an ath dhoras airson comhairle fhaighinn bhon t-seann fhigheadair agus a bhean a bha a’ fuireach an sin. B’ esan athair an fhigheadair òig. Bha am figheadair òg a’ fuireach còmhla ri a phàrantan.
Dh’fhàs màthair a’ ghille òig amharasach mu dheidhinn. Chaidh i don t-seòmar aige airson faicinn an robh e ann. Bha e a rèir choltais na chadal ro throm, agus srann aige a chuireadh na h-eich ris a’ mhonadh!
Agus Pàra Mòr? Uill, cha do dh’fhuirich esan anns a’ cheàrdaich seachad air beul na h-oidhche a-chaoidh tuilleadh. Mar sin, fhuair gobha Àird Eònaig a mhiann. Agus tha mi cinnteach nach robh am figheadair òg air a dhìochuimhneachadh leis.