FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Tiodhlac bho gu h-Àrd

Tha naidheachd agam dhuibh, an t-seachdain seo, a tha a’ ceangal dà bhliadhna ri chèile.

Audio is playing in pop-over.

An Tiodhlac bho gu h-Àrd

Tha naidheachd agam dhuibh, an t-seachdain seo, a tha a’ ceangal dà bhliadhna ri chèile. B’ iad na bliadhnaichean sin seachd ceud deug ’s a còig-deug (1715) agus ochd ceud deug fichead ’s a sia (1826).

Ma tha sibh eòlach air eachdraidh na h-Alba, bidh sibh ag aithneachadh na bliadhna seachd ceud deug ’s a còig-deug (1715). B’ ann anns a’ bhliadhna sin a thogadh bratach nan Seumasach – an toiseach ann am Bràigh Mhàrr. Bha na Seumasaich a’ strì airson na Stiùbhartaich a chur air ais air an rìgh-chathair.

Dìreach latha an dèidh don ar-a-mach tòiseachadh, thogadh bratach nan Seumasach ann an Cill Mhìcheil ann an Srath Àrdail. Bha na ceudan de luchd nam fineachan an làthair.

Bha gaoth làidir ann. Bha ball òir air mullach a’ bhrat-chrainn. Agus thuit e gu làr air sàillibh na gaoithe. Bha cuid de na Gàidheil dhen bheachd gur e droch chomharra a bh’ ann. ’S dòcha gun robh iad ceart oir cha robh an t-ar-a-mach soirbheachail.

Ach cha robh Tighearna Eas an Tulaich airson ’s gum biodh na daoine fo smalan. ‘Coma leibh sin,’ thuirt e. ‘Cha tàinig ach rud math riamh bho gu h-àrd.’ Is cinnteach gun robh e a’ smaoineachadh air Dia agus Nèamh. Co-dhiù, feumaidh gun do chuimhnich feadhainn anns an sgìre an abairt sin oir thàinig i am bàrr a-rithist còrr is ceud bliadhna an dèidh sin.

B’ e a’ bhliadhna ochd ceud deug, fichead ’s a sia (1826). Bha an aimsir cianail fuar. Bha an sneachd na laighe fad mhìosan. Bha na daoine bochda a’ fulang gu dona. Agus cha robh fàs math ann as t-samhradh. Bha cuimhne aig daoine air a’ bhliadhna sin mar ‘Bliadhna a’ Bhàrr Ghoirid’.

Bha fear a bha seo ann an Srath Àrdail. ’S e duine onarach a bh’ ann agus bha teaghlach òg aige. Bha an t-acras orra fad na h-ùine.

Ri taobh an teaghlaich seo, bha tuathanach beartach a’ fuireach. Bha slochd aige a bha làn bhuntàta. Ach cha robh an tuathanach eadhon deònach buntàta a reic. Bha e a’ feitheamh ris an Earrach nuair a gheibheadh e deagh phrìs.

Chunnaic cuid anns an sgìre mar a bha an teaghlach seo a’ fulang. Chuir iad romhpa gnothaichean a chur ceart. Air an oidhche, chaidh iad gu slochd a’ bhuntàta aig an tuathanach. Lìon iad poca an duine le buntàta. Chaidh iad gu taigh an teaghlaich bhochd.

Cha robh iad airson ’s gum biodh fios aig an teaghlach cò às a thàinig am biadh. Bha an taigh ìosal le mullach tughaidh. Chaidh na daoine air a’ mhullach. Thug iad sùil sìos an t-similear. Cha robh teine ann. Bha an teaghlach gu lèir air an glùinean, ag ùrnaigh airson biadh. Dhòirt na daoine na buntàta sìos an t-similear, fear an dèidh a chèile.

Cha b’ urrainn do dh’fhear an taighe creidsinn na bha a’ tachairt. Bha na ceudan bhuntàta air tighinn sìos an t-similear agus bha iad nan laighe air ùrlar an taighe.

‘Uill,’ thuirt e, ‘Is fìor na thuirt Tighearna Eas an Tulaich latha togail na brataich – nach tàinig droch rud riamh bho gu h-àrd!’

Litir 1155 Litir 1155 Litir 1157 Litir 1157

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!