FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Cleas na Neapaigin

Tha am facal neapaigin inntinneach, nach eil?

Audio is playing in pop-over.

Cleas na Neapaigin

Tha am facal neapaigin inntinneach, nach eil? Tha e a’ tighinn bhon Bheurla napkin. Neapaigin. Nochd e ann am Beurla an toiseach anns a’ cheathramh linn deug. Bha e a’ ciallachadh clobhd a bhiodh daoine a’ cleachdadh airson an corragan no beul a ghlanadh nuair a bha iad ag ithe. Dh’atharraich am facal Beurla cuideachd gu nappy. Ach cha bhi sinn a’ cleachdadh neapaigin airson baby’s nappy ann an Gàidhlig. Bidh sinn ag ràdh badan airson sin – badan.

Co-dhiù, tha neapaigin ann an Gàidhlig a’ ciallachadh napkin no handkerchief. Ciamar, ma-thà, a nì sinn cinnteach gu bheil sinn a’ bruidhinn air handkerchief? Dh’fhaodamaid neapaigin-pòca no neapaigin-pòcaid a ràdh. Bithibh mothachail cuideachd gum bi cuid ag ràdh neapaigear, no neapraigear no neapraigin, an àite neapaigin.

Tha mi airson innse dhuibh mu sheann chleas a bh’ aig na Gàidheil o shean air an robh ‘Fàg, fàg an Neapaigin-pòca’. Bha e air a chluich le clann-nighean. Agus seo mar a tha e a’ dol.

Ach a-mhàin aon tè, bidh a’ chuideachd nan suidhe astar beag o chèile (agus chaidh an cleas seo a chruinneachadh fada ro Chovid 19!) An tè a sheasas an-àirde, is ise a’ Bhanrigh. Bidh i ri falbhan, no a’ coiseachd mun cuairt. Na làimh bidh neapaigin-pòca. Bu chòir don neapaigin a bhith glan! Bidh a’ Bhanrigh ag ràdh seo:

Fàg, fàg an neapaigin-pòca, Tha a’ chearc a’ gur, ʼS tha a’ phoit a’ goil, Aran is ìm is breacagan eòrna, Cò aig’ a bhios an neapaigin-pòca?

A bheil e agad? Tha ruitheam ann ged nach eil e ciallach. Canaidh mi an rann a-rithist.

Fàg, fàg an neapaigin-pòca, Tha a’ chearc a’ gur, ʼS tha a’ phoit a’ goil, Aran is ìm is breacagan eòrna, Cò aig’ a bhios an neapaigin-pòca?

An uair sin, bidh a’ Bhànrigh ag ràdh ris a h-uile duine sa chuideachd, Dùin do shùil is tog do cheann. Dùin do shùil is tog do cheann. Leis a sin, dùinidh càch an sùilean agus togaidh iad an cinn.

Fàgaidh a’ Bhanrigh an neapaigin air gnùis tè de na caileagan. Bidh i a’ falbh an uair sin na deann. A bheil sibh a’ tuigsinn na h-abairt sin? Bidh i a’ falbh na deann. She leaves hurriedly, in a rush. Bidh i a’ falbh na deann.

Feumaidh a’ chaileag a fhuair an neapaigin air a gnùis leum gu a casan agus a’ Bhanrigh a leantainn – airson a glacadh. Chan e a-mhàin gum bi i ga leantainn, ach gum bi i a’ dèanamh a h-uile rud a bhios a’ Bhanrigh a’ dèanamh. A h-uile car a chuireas a’ Bhanrigh dhith, feumaidh caileag na neapaigin an cur dhith mar an ceudna.

Ma nì caileag na neapaigin mearachd sam bith, canaidh càch, Loisg thu toll nad bhrochan. Loisg thu toll nad bhrochan. Agus thèid an nighean sin a chur a-mach às a’ ghèam. Ach ma bheireas i air a’ Bhanrigh mus dèan i mearachd, bidh ise a-nise na Banrigh agus tòisichidh an cleas às ùr.

Nach math gu bheil cleasan mar sin air an gleidheadh againn ann an clò, le briathrachas Gàidhlig nan cois. Oir tha amharas agam nach bi clann-nighean an latha an-diugh a’ cluich seo – ged a dh’fhaodainn a bhith ceàrr. Fhuair mi am fear seo às an t-seann leabhar Aithris is Oideas – stòras math de chleasan is beul-aithris.

Litir 1152 Litir 1152 Litir 1154 Litir 1154

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!