FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Clach Cailleach nam Muc

Na bu tràithe dhen bhliadhna seo, chuir mi crìoch air leabhar mu dheidhinn ainmean-àite ann an Inbhir Nis agus anns an sgìre mun chuairt.

Audio is playing in pop-over.

Clach Cailleach nam Muc

Na bu tràithe dhen bhliadhna seo, chuir mi crìoch air leabhar mu dheidhinn ainmean-àite ann an Inbhir Nis agus anns an sgìre mun chuairt. ’S e obair mhòr a bh’ ann, ach chòrd e rium oir thug e cothrom dhomh sùil a thoirt air iomadh àite inntinneach timcheall a’ bhaile sa bheil mi a’ fuireach – aig àm nuair a bha e toirmisgte a dhol fada bhon dachaigh air sàillibh Chovid-19.

’S iomadh ainm-àite sònraichte a sheasas nam chuimhne bhon rannsachadh a rinn mi, ach tha mi airson innse dhuibh mu fhear dhiubh. ’S e sin clach mhòr ris an canar Clach Cailleach nam Muc. Tha i ann an Srath Narann, beagan mhìltean a-mach à Inbhir Nis. ’S e srath brèagha a th’ ann an Srath Narann, le dualchas Gàidhlig air leth.

Chuala mi an sgeul an toiseach bho dhithis anns an t-srath, ged nach robh iad buileach soilleir cà’ robh a’ chlach. An uair sin, lorg mi cunntas le eachdraiche ionadail, Anndra Cuimeanach nach maireann. Sgrìobh Anndra gur ann à Eilean Leòdhais a bha a’ chailleach. Bhiodh i a’ falbh eadar na glinn is srathan air gach taobh de Loch Nis le treud de mhucan. Bhiodh i a’ faighinn fasgadh fon chloich agus sin far an d’ fhuair i bàs. Bha i air a h-ithe le a mucan fhèin. Abair sgeul!

Lorg mi cunntasan eile mun chaillich. Sgrìobh aon duine gun robh cuimhne aig fear à Gleann Moireasdan oirre. Chaochail am fear sin aig àm a’ Chiad Chogaidh. Agus tha cunntas clàraichte air làrach-lìn Tobar an Dualchais anns a bheil dithis a’ bruidhinn mun chaillich. Tha tè dhiubh ag ràdh gun robh a seanmhair a’ toirt biadh don chaillich agus gun do leig i leatha – i fhèin agus a mucan – fuireach anns an t-sabhal aice.

Tuigidh sibh gun robh mi airson a’ chlach a lorg! Ge-tà, cha robh fiosrachadh mionaideach anns na cunntasan mun àite san robh i. Lorg mi clachan a bha mòr ach cha robh cumadh ceart air gin dhiubh. Cha robh pìos a’ stobadh a-mach a bheireadh fasgadh do chailleach mar a bha na cunntasan a’ cumail a-mach.

Bha mi an impis an gnothach a leigeil seachad nuair a thachair mi ri Alasdair Foirbeis, tuathanach à Srath Narann le buntanas fada don àite. ‘O, Clach Cailleach nam Muc,’ thuirt e, ‘tha i air an fhearann agam fhìn. Bheir mi ann thu, agus innsidh mi an stòiridh dhut.’ Cha b’ e ruith ach leum!

Air latha sneachdach, thug Alasdair ann mi. Air mullach cnoc creagach ann am meadhan coille bheithe, bha clach àrd le talamh dubh fòidhpe far nach robh an sneachd na laighe. ‘Sin far an d’ fhuair a’ chailleach bàs, air a h-ithe le a mucan fhèin,’ thuirt Alasdair. Tha esan dhen bheachd gun do dh’ith na mucan i an dèidh gun do chaochail i gu nàdarrach.

Fhuair Alasdair an sgeul à beul-aithris. Chan ann à Leòdhas a bha a’ chailleach, ach à Dùn Magh Ghlais ** ann an Srath Fharagaig. Gach bliadhna bhiodh i a’ coiseachd a dh’Inbhir Nis le a mucan airson an reic aig margaidh. Ghabhadh an turas aice dà latha. Bhiodh i a’ stad letheach-slighe gach rathad ann an àite far nach cuireadh i dragh air daoine –fon chloich sin. Agus ’s e sin sgeul Cailleach nam Muc agus na cloiche aice ann an Srath Narann.

Litir 1144 Litir 1144 Litir 1146 Litir 1146

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!