O chionn bliadhna no dhà, airson mo cho-latha-breith, fhuair mi prèasant – ʼs dòcha car annasach. Ach bha mise gu math toilichte leis. Cheannaich mo bhean ràcan dhomh.
Chan e ràcan àbhaisteach a bh’ ann. Cha bhi mi ga chur gu feum airson gàirneilearachd. Tha seann ràcan a nì a’ chùis dhomh airson sin. Tha an ràcan a fhuair mi mar phrèasant fìor fhèin spaideil le fiaclan mòra, gleansach air.
Mura bi mi ga chur gu feum anns an leas, carson a bha mi cho toilichte leis? Uill, a chionn ʼs gur e ràcan-choilleag a th’ ann, agus tha mi fìor mheasail air coilleagan mar bhiadh.
ʼS e maorach a th’ anns a’ choilleig – dà-mhogalach a tha a’ fuireach air tràighean. Ann an cuid de na h-eileanan, canaidh daoine srùbain riutha. Ann am Beurla, bidh sibh eòlach orra mar cockles.
ʼS toigh leam coltas na coilleig. Cha mhòr nach eil an creutair a’ coimhead cruinn nuair a tha na sligean dùinte. Tha an dà shlige co-ionann agus os-chearclach. Tha iad aisneach cuideachd. Ged a tha a’ mhòr-chuid de shligean-coilleig bàn, tha feadhainn glas no liath ann am pàirt, gu h-àraidh ma tha làthach am measg na gainmhich far a bheil iad a’ tighinn beò. ʼS fìor thoigh leam coltas na feadhna sin.
Ma tha sibh eòlach air an tràigh, bidh fios agaibh gun lorgar coilleagan fon ghainmhich nuair a tha muir-tràigh ann. Ge-tà, eu-coltach ri muirsgianan, cha bhi coilleagan a’ falbh gu doimhneachd mhòr. Cha leig sibh a leas spaid a thoirt leibh airson coilleagan a bhuain. Nì ràcan a’ chùis.
Agus eu-coltach ri muirsgianan, cha leig sibh a leas a bhith a’ coiseachd gu socair, sàmhach, eagal ʼs gun cluinn an creutair sibh. Chan eil agaibh ach ràcadh agus, ma tha sibh anns an àite cheart, gheibh sibh maorach an ceann ùine ghoirid. Chan eil iad fada fo uachdar na gainmhich. Tha e furasta gu leòr am buain.
Ge-tà, mholainn gu mòr nach toir sibh leibh ach na sligean as motha. Cuiribh an fheadhainn bheaga air ais agus còmhdaichibh iad le gainmheach a-rithist. Bu chòir do thràigh choilleag a bhith buan-mhaireannach.
Ciamar a thathar a’ dèiligeadh ris na coilleagan aig an taigh? Uill, ma tha sibh a’ fuireach ri taobh a’ chladaich, tha e furasta gu leòr. Ach ma tha sibh a’ fuireach pìos air falbh bhon chladach, mholainn gun toir sibh sàl leibh cuideachd ann am botail. Carson? Uill, bu chòir dhuibh na coilleagan a chur ann an sàl glan, agus an t-uisge atharrachadh co-dhiù dà thuras, feuch a’ ghainmheach a thoirt asta.
Ma tha sibh air a dhol a-steach a Bharraigh ann an itealan, bidh fios agaibh gum bithear a’ laighe air tràigh-shrùban ris an canar An Tràigh Mhòr. Bidh feadhainn fhathast a’ buain nan srùban ann.
Nise, mus fhalbh mi – seo beagan comhairle dhuibh ma bhios sibh fhèin ri buain nan srùban no nan coilleag. Nuair a thig a’ ghaoth fhuar bhon àird a tuath, bidh agaibh ri ràcadh nas doimhne. Thàinig a’ chomhairle sin bho Mhàrtainn MacIlleMhàrtainn o chionn còrr is trì cheud bliadhna.
Agus comhairle eile – cuimhnichibh nach eil maorach sàbhailte ʼson ithe as t-samhradh. Fanaibh chun an fhoghair mus buain sibh coilleagan. Ach, ma tha ceann-bliadhna gu bhith agaibh anns an eadar-àm, cuimhnichibh gun dèanadh ràcan deagh phrèasant!