Thairis air a’ bhliadhna gu leth a dh’fhalbh, tha an saoghal air a bhith ann an grèim galair. B’ àbhaist dhuinn a bhith a’ bruidhinn ri chèile mun aimsir aig toiseach còmhraidh. An-diugh, tha sinn a cheart cho buailteach a bhith a’ bruidhinn air a’ ghalar – Covid-19. Ach a bheil am briathrachas agaibh airson bruidhinn mu dheidhinn ann an Gàidhlig? An-diugh, tha mi a’ dol a thoirt beagan stiùiridh dhuibh a thaobh sin.
An toiseach, a’ Ghàidhlig air virus. ’S e sin bhìoras le ‘bh’. Canaidh sinn a’ bhìoras airson ‘the virus’. Tha am facal a’ coimhead boireanta, ged a tha e fireanta. Tha an sèimheachadh aig toiseach an fhacail mì-nàdarrach ann an ainmear fireanta.
Agus coronavirus? Uill, tha sin furasta gu leòr. ’S e sin coròna-bhìoras. Coròna-bhìoras. Bidh sinn a’ bruidhinn air Covid-19 cuideachd. Agus bidh sinn a’ sgrìobhadh sin le ‘v’ seach ‘bh’.
Bidh sinn ag ràdh galar airson infectious disease. Nuair a tha e a’ sgaoileadh gu mòr ann an dùthaich, ’s e mòr-ghalar no galar-sgaoilte a th’ ann – an epidemic. Anns an t-seann aimsir, bhiodh daoine a’ gabhail plàigh air – a plague – plàigh. Cha bhi mòran daoine a’ cleachdadh ‘plàigh’ airson Covid-19, ge-tà. Agus tha plàigh cuideachd a’ ciallachadh rud no duine a chuireas dragh air daoine eile.
Agus dè mu dheidhinn pandemic – nuair a bhios galar sgaoilte air feadh an t-saoghail? Tha seo ann – galar mòr-sgaoilte. Bidh gu leòr, ge-tà, a cleachdadh pandemic, mar a tha ann am Beurla. Tha e a’ tighinn bho fhreumhan Greugach.
Agus infection? Uill, tha am facal fillte galar-ghabhail ann. Tha an ìre de ghalar-ghabhail ro mhòr an-dràsta. The rate of infection is too great just now. Ghabh e Covid-19. He caught or was infected by Covid-19. Tha gabhaltach a’ ciallachadh infectious. Tha an galar seo uabhasach fhèin gabhaltach. This disease is incredibly infectious. Tha gabhaltachd a’ ciallachadh infectiousness. Tha ìre na gabhaltachd nas àirde aig na gnèithean ùra dhen bhìoras. The new strains of the virus are more infectious.
Bu mhath leam a-nise sùil a thoirt air na fuasglaidhean airson Covid-19. Tha dìonachd no ion-dhìonachd a’ ciallachadh immunity. Chan eil dìonachd on ghalar seo aig gu leòr de dhaoine fhathast. Chan eil gu leòr de dhaoine air an dìon fhathast. Aig a’ cheann thall, ’s e ion-dhìonachd sluaigh a bhios mar fhuasgladh dhuinn. Sin a’ Ghàidhlig a th’ air herd immunity, nuair a tha dìon on ghalar aig earrann mhòr dhen t-sluagh agus nach bi e a’ sgapadh mar a bha. A’ sgapadh no a’ sgaoileadh – spreading.
Tha dà dhòigh airson ion-dhìonachd sluaigh a bhith ann. Anns a’ chiad àite, nuair a tha an galar air a dhol tron t-sluagh gu lèir. Bidh gu leòr a’ tighinn beò, agus iad air an dìon. Bidh anti-cuirp aca. Anti-cuirp – antibodies. Ach le Covid-19, bhiodh mòran daoine a’ faighinn bàs mus ruigte an ìre sin.
’S e an dòigh eile – a’ bhanachdach. Vaccination no vaccine. Gheibh daoine snàthad leis a’ bhanachdach ann. Agus bidh am bodhaigean a’ cruthachadh anti-cuirp a bhios a’ dìon nan daoine an aghaidh a’ ghalair.
Sin e, ma-thà. Bidh sinn beò an dòchas, an ceann bliadhna eile, nach bi sinn fhathast a’ bruidhinn gu làitheil mu Chovid-19.