An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu dhòighean eile airson faighneachd de chuideigin mar a tha iad, a bharrachd air ‘Ciamar a tha thu?’ Anns an Litir seo, tha mi airson sùil a thoirt air diofar dhòighean a th’ againn airson cheerio a ràdh ri duine eile.
Bidh sibh eòlach gu leòr air ‘Tìoraidh’ – a thàinig bhon Bheurla. Tha sin cumanta anns an latha a th’ ann. Bidh daoine ag ràdh, ‘Tìoraidh an-dràsta.’ Cheerio just now. Tìoraidh an-dràsta. Nam biodh tu ag iarraidh air pàiste ‘cheerio’ a ràdh, can, ri a sheanmhair, dh’fhaodadh tu seo a ràdh ris: ‘Can tìoraidh ri do sheanmhair’. Can tìoraidh ri do sheanmhair.
Chan fhaic sibh ‘Tìoraidh’ ann an seann sgrìobhaidhean. Bha abairtean eile aig daoine an uair sin. Tha gu leòr dhiubh fhathast beò anns a’ choimhearsnachd. Bheir sinn sùil air feadhainn dhiubh.
‘Mar sin leat’. Tha sin a’ ciallachadh ‘cheerio’. Tha e neo-fhoirmeil. Mar sin leat. Mar sin leat an-dràsta.
‘Slàn leat’. Ma bhios tu a’ fàgail slàn aig cuideigin, tha thu a’ cantainn ‘cheerio’ ris. Slàn leat. Nam biodh tu ag iarraidh air pàiste ‘cheerio’ a ràdh ri a sheanair dh’fhaodadh tu seo a ràdh ris: ‘Fàg slàn aig do sheanair’.
Tha slàn a’ ciallachadh health, wholeness agus bidh sinn ag ràdh rudan mar seo ri caraid a tha a’ dol air falbh airson greis: ‘Guma slàn thu gus am faic mi a-rithist thu’ may you be well until I see you again. No ‘Guma slàn thu gun till thu’ may you be well until you return. Guma slàn thu gun till thu.
Tha soraidh cuideachd a’ ciallachadh cheerio no farewell. ‘Soraidh leat’ farewell to you. Soraidh leat. ‘Fàg soraidh aig do sheanmhair’ say farewell to your grandmother. Fàg soraidh aig do sheanmhair.
Nam biodh cuideigin gu bhith air falbh airson greis mhòr, ’s dòcha gun canadh tu riutha, ‘Soraidh slàn leat’. Agus ri cuideigin air an robh gràdh agad, ’s dòcha gun canadh tu, ‘Soraidh slàn leat, a ghràidh’ farewell, my beloved one. Soraidh slàn leat, a ghràidh. Tha òran ainmeil às a’ Mhorbhairne air a bheil ‘Soraidh Slàn le Fionnairigh’ Farewell to Fiunary. Tha e a’ tighinn gu ceann leis an dà loidhne seo: Soraidh slàn le tìr mo ghràidh, Is slàn gu bràth le Fionnairigh.
Tha soraidh cuideachd a’ seasamh airson compliments no respects ann am Beurla. Mar eisimpleir anns an abairt, ‘Thoir mo shoraidh dha do mhàthair’. Tha sin a’ ciallachadh – Give my compliments to your mother. Thoir mo shoraidh dha do mhàthair. ’S dòcha gum bi sibh eòlach air an òran Sgitheanach Thoir mo Shoraidh thar an t-Sàile, Null gu tìr nam Beanntan Àrda...
Bu mhath leam crìochnachadh le rudan a chanadh tu ri caraid no co-obraiche a bhios tu a’ faicinn gu tric. Mar eisimpleir – ‘Chì mi a-rithist thu’ I’ll see you again. Chì mi a-rithist thu.
‘Chì mi a-màireach thu’ I’ll see you tomorrow. Chì mi a-màireach thu. Dh’fhaodadh tu sin a fhreagairt le bhith ag ràdh, ‘Chì’ no ‘Chì, gu dearbh’. Agus mas ann air an oidhche a tha e, bhiodh tu ag ràdh, ‘Oidhche Mhath’.
Seo, ma-thà, còmhradh eadar dithis luchd-obrach aig deireadh an latha:
’S fheàrr dhomh falbh. Chì mi a-màireach thu.
Chì, gu dearbh. Oidhche mhath leat.
Oidhche mhath.