FaclairDictionary EnglishGàidhlig

‘Ciamar a tha thu?’

Tha cuimhne agam nuair a bha mi ann an Èirinn o chionn fhada, agus a’ togail beagan Gaeilge.

Audio is playing in pop-over.

‘Ciamar a tha thu?’

Tha cuimhne agam nuair a bha mi ann an Èirinn o chionn fhada, agus a’ togail beagan Gaeilge. Bha e follaiseach gu leòr cò às a bha cuideigin a rèir mar a chanadh iad ‘Ciamar a tha thu?’ ann an Gàidhlig na h-Èireann. Bidh Ultaich anns a’ cheann a tuath ag ràdh ‘Cad é mar atá tú?’ Ann am Mumhan anns a’ cheann a deas, canaidh daoine, ‘Conas atá tú?’ Agus bidh muinntir Chonnacht ag ràdh, ‘Cén chaoi a bhfuil tú?’ Tha fhios gu bheil dòighean eile ann a bharrachd air sin, ach sin na trì as cumanta.

Airson gnothaichean a dhèanamh furasta do luchd-ionnsachaidh, bidh sinn ag innse dhaibh gum bi a h-uile duine ann an Alba ag ràdh, ‘Ciamar a tha thu?’ Uill, leis an fhìrinn innse, chan e sin an dealbh gu lèir. Tuigidh a h-uile duine ‘Ciamar a tha thu?’ ach cluinnear rudan eile cuideachd.

Ann am pàirtean de thìr-mòr, leithid Dùthaich MhicAoidh agus Ros an Iar, canaidh daoine uaireannan ‘Cionnas a tha thu?’ Cionnas a tha thu. Tha e a’ ciallachadh an aon rud ri Ciamar a tha thu? Agus cluinnear seo ann an cuid de dh’àiteachan – ‘Dè mar a tha thu?’ Dè mar a tha thu?

Bidh daoine a’ freagairt na ceist le ‘Tha gu math’ no ‘Tha gu math, taing’ no ‘Glè mhath, tapadh leat’, no rudeigin dhen t-seòrsa sin. Cuideachd, bidh daoine a’ freagairt le ‘Chan eil adhbhar a bhith [a’] gearain’. There’s no reason to complain. Chan eil adhbhar a bhith gearain. Agus gu tric cluinnear ‘Chan eil guth ri ràdh’. There’s nothing to be said i.e. ‘tha mi ceart gu leòr’. Chan eil guth ri ràdh.

A bheil dòighean eile ann airson faighneachd de chuideigin mar a tha iad, seach a bhith a’ cur na ceist – ‘Ciamar no cionnas no dè mar a tha thu? Uill, tha – gu leòr dhiubh. Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh dòighean airson còmhradh a thòiseachadh le abairtean eile seach ‘Ciamar a tha thu?’ Bidh mi a’ toirt sùil a-mhàin air abairtean co-cheangailte ris an dàrna pearsa singilte – thu seach sibh. Airson gach ceist, innsidh mi dhuibh freagairt a bhiodh freagarrach. Agus bheir mi eadar-theangachadh dìreach dhuibh.

Dè do chor? Tha sin cumanta gu leòr. What’s your condition? Dè do chor? Cor math, tapadh leat. Cor math dha-rìribh.

Dè do thrum? What’s your trim? Dè do thrum? Chan eil adhbhar a bhith gearain.

Dè do bheò? What’s your living? Dè do bheò? No Dè am beò a th’ ort? Math gu leòr, tapadh leat.

Dè an saod a th’ ort? What’s your condition? Dè an saod a th’ ort? Chan eil sin cho cumanta san latha an-diugh. Cuideachd, Dè an sunnd a th’ ort? What’s your state of humour? Dè an sunnd a th’ ort? Math gu leòr, tapadh leat. No dè fonn a th’ ort? What’s your state of mind? Dè fonn a th’ ort? Math gu leòr, tapadh leat. Chan eil adhbhar a bhith gearain.

Uaireannan, bidh feadhainn dìreach ag ràdh, ‘Ciamar a tha an duine?’ no ‘A bheil thu ann an sunnd?’ no eadhon ‘Dè tha dol?’ Tha am fear mu dheireadh a’ ciallachadh ‘what’s doing?’ Dè tha dol? Gu tric, bithear a’ freagairt sin le ‘Chan eil mòran’. Not much. Chan eil mòran.

A bheil sibh fhèin ann am fonn math an-diugh? Tha mi an dòchas gu bheil!

Litir 1141 Litir 1141 Litir 1143 Litir 1143

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!