Anns a’ bhliadhna còig ceud deug, seasgad ’s a seachd (1567) chaill Màiri, Banrigh na h-Alba, a h-àite air an rìgh-chathair. Bliadhna an dèidh sin, thug Tànaiste na h-Alba, Iarla Mhoireibh, oighreachd a’ Chaisteil Ruaidh seachad do Chlann ’ic Coinnich. Taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean bha an oighreachd làimh ris a’ Chaisteal Ruadh cuideachd ann an làmhan Clann ’ic Coinnich. B’ e sin oighreachd Chùil Challaidh. Bha Clann ’ic Coinnich an uair sin gu math cumhachdach ann an Taobh Sear Rois.
Anns a’ chogadh chatharra an aghaidh Theàrlaich I, bha Clann ’ic Coinnich a’ Chaisteil Ruaidh air taobh an Rìgh. Thathar ag ràdh gur ann sa Chaisteal Ruadh a dh’ionnsaich ceannard an airm, Marcais Mhontròis, mu bhàs an Rìgh.
Rinn arm Chrombail sgrios air a’ Chaisteal Ruadh agus bha e ann an staid thruagh airson greis mhòr. Tràth anns an ochdamh linn deug, chaidh ath-thogail a dhèanamh air. Ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745), thathar ag ràdh gun robh am Prionnsa Òg – Teàrlach Eideard Stiùbhart – a’ fuireach ann.
Tha beul-aithris inntinneach mu dheidhinn na thachair nuair a bha am Prionnsa ann. Bha e a’ feuchainn ri toirt air Clann ’ic Coinnich saighdearan a chur gu Arm nan Seumasach. Bha Teàrlach agus an t-uachdaran a’ cabadaich aig àm bracaist. Cha mhòr nach robh an ceann-cinnidh air aonta a ruighinn leis a’ Phrionnsa.
Ge-tà, bha a bhean taiceil do na Hanoibhèirianaich. Dhòirt i, a dh’aona-ghnothach, uisge goileach thairis air cas an duine aice. Cha b’ urrainn dha, mar sin, dhol aig ceann feachd. Agus chaill Teàrlach Òg an cothrom Clann ’ic Coinnich a’ Chaisteil Ruaidh a bhith mar phàirt dhen arm aige.
Goirid an dèidh sin reiceadh an oighreachd do Ghranndaich à Gleann Urchardain. Chaidh fear de na h-uachdarain agus a mhac a-mach air a chèile gu salach. Agus, an àite a cumail anns an teaghlach, ’s ann a thug an t-uachdaran gu Colaiste Fettes ann an Dùn Èideann i. ’S e sin as coireach gu bheil baile-fearainn faisg air a’ Chaisteal Ruadh air a bheil Fettes Farm mar ainm.
’S ann tro dhiofar mheuran de na Baillies a chaidh an t-àite tro thìde – mu dheireadh don mheur a bha stèidhichte ann an Doch a’ Phùir faisg air Inbhir Nis. Aig toiseach an dàrna cogaidh, ghabh an riaghaltas grèim air agus bha saighdearan agus feadhainn aig Feachd Rìoghail an Adhair a’ fuireach ann.
Bha uidheaman gunnaireachd, leithid bhomaichean, air an stòradh faisg air a’ chaisteal. Bha iad air an toirt don stèisean rèile faisg air làimh airson a dhol don raon-adhair ann am Manachainn Rois. Aig an àm sin, bha rathad-iarainn ann eadar Am Blàr Dubh agus A’ Chananaich, agus bha stèisean aig a’ Chaisteal Ruadh.
Tha togalaichean ìosal anns a’ choille chun an latha an-diugh. Tha dùil agam gum b’ iad sin cuid dhen fheadhainn a bha a’ stòradh bhomaichean is armachd eile. Aig an àm sin, tha seann dealbhan camara a’ sealltainn dhuinn gun robh an caisteal gu math snasail.
Bha na daoine leis an robh e a’ dol ga leasachadh an dèidh a’ chogaidh. Ach fhuair iad a-mach gun robh na cabraichean air grodadh gu mòr. Mar sin, thugadh am mullach dheth. Agus tha an Caisteal Ruadh an-diugh na thobhta. Chosgadh e fortan a leasachadh às ùr.