FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Caisteal Ruadh (1)

Chan ann tric a bhios mi a’ toirt na Litreach don Chaisteal Ruadh anns an Eilean Dubh.

Audio is playing in pop-over.

An Caisteal Ruadh (1)

Chan ann tric a bhios mi a’ toirt na Litreach don Chaisteal Ruadh anns an Eilean Dubh. Tha sin car annasach ann an dòigh, oir tha an t-àite faisg air Inbhir Nis, agus tha e làn eachdraidh. ’S dòcha gur e as coireach gum bi sinn a’ dìochuimhneachadh mu dheidhinn nach eil rathad mòr a’ dol ga ionnsaigh. Tha na rathaidean don Chaisteal Ruadh cumhang is sàmhach. Agus tha an caisteal fhèin a-nise na thobhta.

An turas mu dheireadh a bha sinn ann còmhla, bha mi ag innse dhuibh mu Fhearchar a’ Ghunna a bha a’ fuireach anns an sgìre o chionn fhada. Bha sin ann an Litrichean naoi ceud, naochad ’s a trì (993) gu naoi ceud, naochad ’s a còig (995).

An turas seo, tha mi airson rud no dhà innse dhuibh mun àite fhèin. Anns a’ chiad dol a-mach, carson as e An Caisteal Ruadh a th’ air an àite – no Redcastle ann am Beurla? Uill, tha sin sìmplidh gu leòr. Tha seann chaisteal ann – agus tha e ruadh! Tha e air a thogail de chlach-ghainmhich a tha gu math ruadh. A dh’aindeoin ’s gu bheil e na thobhta, saoilidh mi gu bheil an caisteal gu math brèagha ann an cumadh agus coltas.

Tha e faisg air cladach a tuath Linne Fharair, agus dlùth ri ceann na linne. Tha e ann an suidheachadh sìtheil. Agus tha am fearann mu a thimcheall gu math torrach.

Chaidh daingneach a thogail air an làraich seo o chionn fhada. ’S e Rìgh na h-Alba, Uilleam Garbh mac Eanraig – William the Lion – a thog e faisg air deireadh an dàrna linn deug. An robh an togalach sin ruadh mar a tha caisteal an latha an-diugh? ’S iongantach mura robh oir faisg air làimh, tha cuaraidh ann às am faighte clach-ghainmhich ruadh. ’S e clach a th’ innte a tha cumanta anns an Eilean Dubh. Agus tha adhbhar eile agam a ràdh gun robh e ruadh. Thig sinn gu sin ann an tiotan.

B’ e ainm caisteal Uilleim Edirdovar. Anns a’ Ghàidhlig an latha an-diugh, chanamaid Eadar Dà Dhobhar. Nochd e gu tric ann am Beurla mar Edradour. Tha sin a’ ciallachadh ‘eadar dà uisge’. Thug an t-eòlaiche, Uilleam MacBhàtair, sùil air an ainm seo airson an leabhair aige Place Names of Ross and Cromarty. Cho-dhùin e gum b’ iad an dà uisge Linne Fharair agus Linne Chrombaidh.

Tro thìde, ge-tà, dh’atharraich e a bheachd. Bha e an uair sin a’ smaoineachadh gun robh an t-ainm a’ dèanamh iomradh air dà allt bheag faisg air a’ chaisteal. Co-dhiù, cha do mhair an t-ainm Eadar Dà Dhobhar. Mus robh an ceathramh linn deug a-mach, bhathar a’ gabhail Reidcastell air ann am Beurla.

Thairis air na ceudan, bha an caisteal ann an làmhan diofar theaghlaichean. An toiseach bha e leis na Bissets aig an robh fearann air taobh thall na linne. An uair sin, bha e leis na Greumaich. An dèidh sin bha e le Iarlan Rois mus do ghabh an teaghlach rìoghail, na Stiùbhartaich, grèim air. Thathar a’ smaoineachadh gun deach Màiri, Banrigh na h-Alba, ann sa bhliadhna còig ceud deug, seasgad ’s a dhà (1562).

An ceann sia bliadhna eile, bha an Caisteal Ruadh gu bhith ann an làmhan Clann ’ic Coinnich. Agus sin far an tòisich mi an-ath-sheachdain.

Litir 1139 Litir 1139 Litir 1141 Litir 1141

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!