Cuiridh mi crìoch an-diugh air a’ chunntas agam mun t-seann òran ‘Griogal Cridhe’ à Siorrachd Pheairt. ʼS ann mu dheidhinn bàs Ghriogair Ruaidh a tha e. A rèir choltais, ʼs ann bho sheinneadairean ann an àiteachan eile – ʼs dòcha anns an Eilean Sgitheanach – a thàinig an dreach ‘Griogal’ air ainm an duine.
Bha a bhanntrach, Mòr, troimhe-chèile mu a bhàs. Chan eil e soilleir am faca i fhèin dì-cheannachadh an duine aice. Ach sgrìobh i mar gum faca:
ʼS ged tha mi gun ùbhlan agam,
’S ùbhlan uil’ aig càch;
’S ann tha m’ ubhal cùbhraidh grinn,
Is cùl a chinn ri làr.
Bha i air a bhith ann an trom-ghaol leis an duine aice. Bha i a-nise làn. Sgrìobh i:
Ged tha mnathan chàich aig baile, Nan laigh’ ’s nan cadal sèimh
’S ann bhios mis’ aig bruaich mo leapa, A’ bualadh mo dhà làimh.
Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, phòs Mòr fear eile an dèidh bàs Ghriogair. Ghabh i fhèin ‘Baran crìon na dalach’ mar ainm air a cèile ùr, co-dhiù na cuid bàrdachd. ʼS dòcha gun robh taigh snog aige faisg air abhainn, ach b’ fheàrr leatha fhathast a bhith còmhla ri Griogair a-muigh sa choille no sa mhonadh:
’S mòr a b’ annsa bhith aig Griogair, Air feadh coille ’s fraoich
Na bhith aig Baran crìon na dalach, An taigh cloich’ is aoil.
Agus seo dà rann eile a tha a’ dèanamh soilleir cho mì-thoilichte ʼs a bha Mòr mun t-suidheachadh aice:
’S mòr a b’ annsa bhith aig Griogair, Cur a chruidh don ghleann
Na bhith aig Baran crìon na dalach, ’G òl air fìon ’s air leann.
’S mòr a b’ annsa bhith aig Griogair, Fo bhrata ribeach ròin
Na bhith aig Baran crìon na Dalach, Giùlan sìoda ’s sròil.
Tha Màrtainn MacGhriogair agus eòlaiche eile – Virginia Blankenhorn – air sùil gheur a thoirt air an òran seo. Abair gu bheil eachdraidh mhòr aige. Chaidh e bho bheul gu beul agus bho ghinealach gu ginealach airson cha mhòr dà cheud gu leth bliadhna mus do nochd e ann an clò. Bha sin ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a trì (1833). Nochd e bhon uair sin ann an grunn chruinneachaidhean sgrìobhte.
Aig an aon àm, tha e coltach gun robh an t-òran a’ dol fhathast bho bheul gu beul ann an diofar sgìrean dhen Ghàidhealtachd. Chruinnich Frances Tolmie dreach dheth anns an Eilean Sgitheanach, agus bha an t-òran air a sheinn cuideachd anns na h-Eileanan Siar, eadar Leòdhas agus Bhatarsaigh.
Bha e air a chruinneachadh a-rithist anns an fhicheadamh linn ann an Siorrachd Pheairt aig fear à taobh Loch Tatha. Bha an dreach aigesan uabhasach coltach ri fear a bh’ ann an clò. Chan eil e soilleir an robh am fear seo air an t-òran ionnsachadh, gu ìre co-dhiù, bho fhaclan sgrìobhte seach bho bheul-aithris. Ach tha e iongantach gun robh cuideigin às an sgìre às an robh an t-òran fhèin comasach air a sheinn ceithir cheud bliadhna an dèidh do Mhòr Chaimbeul a chruthachadh. Airson crìoch a chur air mo chunntas, seo rann eile bhon òran.
Ged bhiodh cur is cathadh ann, Is latha nan seachd sian;
Gheibheadh Griogair dhomhsa creagan, San caidlimid fo dhìon.