FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Griogal Cridhe (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun òran ‘Griogal Cridhe’.

Audio is playing in pop-over.

Griogal Cridhe (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun òran ‘Griogal Cridhe’. Thug mi dà shèist eadar-dhealaichte dhuibh an t-seachdain sa chaidh. Seo agaibh treas tè! Tha i inntinneach oir tha i pearsanta don tè a sgrìobh an t-òran.

Ochan, ochan, ochan uiridh, ’S goirt mo chridhe, luaidh,

Ochan, ochan, ochan uiridh, Cha chluinn d’ athair ar caoidh.

ʼS i Mòr Chaimbeul a sgrìobh an t-òran, timcheall na bliadhna còig ceud deug is seachdad (1570). Phòs i fear Griogair MacGhriogair – Griogair Ruadh. Ach bha na Griogaraich agus na Caimbeulaich nàimhdeil do chèile. Air a’ chiad latha dhen Lùnastal, còig ceud deug, seasgad ʼs a naoi (1569), chaidh Griogair a chur an grèim le buidheann de Chaimbeulaich. Am measg na ghlac e, bha athair-chèile, Donnchadh Caimbeul à Gleann Lìomhann. Seo dà rann à aon dreach dhen òran mu dheidhinn na thachair.

Moch madainn air latha Lùnast’, Bha mi sùgradh mar ri m’ ghràdh,

Ach mun tàinig meadhan-latha, Bha mo chridhe air a chràdh.

Mallachd aig maithibh ʼs aig càirdean, Rinn mo chràdh air an dòigh,

Thàinig gun fhios air mo ghràdh-sa, ʼS a thug fo smachd e le foill.

Tha Mòr ag ràdh anns an òran gum b’ fheàrr leatha nan robh dusan gaisgeach dhen chinneadh aige fhèin air a bhith aig Griogair. Cha bhiodh e sa phrìosan idir.

Bha Griogair air a chumail an grèim anns a’ chaisteal aig Cailean Liath, ceannard nan Caimbeulach, faisg air Loch Tatha. B’ e ainm Caisteal Bhealaich. Bha e far a bheil Taymouth Castle an-diugh. Bha Griogair air a chumail an sin mar phrìosanach fad ochd mìosan. Bha na Caimbeulach a’ feuchainn ri cead fhaighinn bho ùghdarrasan a’ Chrùin ann an Dùn Èideann Griogair a chur gu bàs.

Mu dheireadh thall, fhuair iad cead. Chaidh ceann Ghriogair a ghearradh dheth air an t-seachdamh latha dhen Ghiblean còig ceud deug is seachdad (1570). Anns an òran, tha a bhanntrach ag ràdh seo:

Eudail mhòir de shluagh an domhain,

Dhòirt iad d’ fhuil an-dè,

ʼS chuir iad do cheann air ploc daraich

Tacan beag bhod chrè.

Tha Mòr a’ seinn gum b’ fheàrr leatha gum biodh galar air athair agus gum biodh Cailean Liath a’ fulang leis a’ phlàigh. Ach dè an suidheachadh anns an robh i fhèin? Suidheachadh truagh, feumaidh mi ràdh. Bha leanabh aice – Alasdair Ruadh – ach nuair a chaidh an duine aice a chur gu bàs, bha i trom le dàrna leanabh. Leis gun robh Griogair sa phrìosan airson ochd mìosan, feumaidh gun do rugadh an leanabh ùr goirid an dèidh bàs athar. ʼS e gille eile a bh’ ann – a fhuair an t-ainm ‘Iain Dubh’.

Bha Mòr fiadhaich mu na thachair. Bha droch bheachd aice air a cinneadh fhèin – na Caimbeulaich – bho sin a-mach. Ach bha na Caimbeulaich airson smachd a chumail oirre. Rinn iad cinnteach gum biodh i pòsta às ùr aig cuideigin a bha dìleas dhaibh. Tha an t-eachdraiche, Màrtainn MacGhriogair, dhen bheachd gum b’ e fear Raibeart Mèinnearach à Coimridh an dàrna cèile aice. Tha Coimridh deas air Uisge Lìomhann faisg air an inbhir le Uisge Tatha. A rèir choltais, bha Mòr ann an suidheachadh cofhurtail. Bha an taigh snog agus bha gu leòr anns an sporan. Ach bha Mòr ag ionndrainn Ghriogair mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Litir 1134 Litir 1134 Litir 1136 Litir 1136

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!