Ann an Litir 934, dh’inns mi beagan dhuibh mu dheidhinn nan ceanglaichean eadar Alba agus tràilleachd. Thug mi iomradh air Frederick Douglass, fear dubh Ameireaganach a bh’ air a thogail mar thràill ann am Maryland. Tha aire ga toirt às ùr do Dhouglass, a thuras a dh’Alba, agus na sgrìobh an t-Albannach ainmeil, Ùisdean Mac a’ Mhuilleir, mu a dheidhinn.
Dh’ionnsaich Douglass sgilean leughaidh is sgrìobhaidh dha fhèin. Bhiodh e a’ cumail sgoil Shàbaid do thràillean eile. Bhiodh iad a’ leughadh an Tiomnaidh Nuaidh còmhla. Mu dheireadh, bha còrr is ceathrad duine a’ dol ann.
Chuala feadhainn a bha a’ cumail thràillean mu a deidhinn, ge-tà. Sàbaid a bha seo, nochd iad agus sgaoil iad a’ choinneamh. Bha iad armaichte le cuaillean is clachan. Feumaidh gun robh an t-eagal orra gun ionnsaicheadh na tràillean cus le bhith a’ leughadh a’ Bhìobaill – agus leabhraichean eile. B’ e sin deireadh na sgoil Shàbaid.
Ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a seachd (1837), thachair Frederick ri Anna Murray – Anna Mhoireach – agus ghabh e gaol oirre. Bha i na boireannach dubh a bha a’ fuireach ann am Baltimore – ach bha i saor. Thug i taic do Dhouglass a rathad fhèin a dhèanamh a dh’ionnsaigh saorsa, le bhith a’ teicheadh gu Baile New York. Bha esan dìreach fichead bliadhna a dh’aois. Mu dheireadh, phòs iad ann an eaglais Chlèireach agus rinn iad an dachaigh ann am Massachusetts.
Tha an cinnidhean inntinneach, nach eil? Moireach agus Dùbhghlas. Gu math tric, bhiodh tràillean a’ gabhail cinneadh an fhir leis an robh iad. Tha iomadh fear is tè dhubh an-diugh air a bheil sloinneadh, no cinneadh, Albannach. Le Frederick Douglass, ge-tà, tha an suidheachadh eadar-dhealaichte. ʼS e Bailey a bh’ air mar chinneadh nuair a rugadh e. Thagh e fhèin is Anna ‘Douglass’ an dèidh dithis charactaran anns an dàn ‘The Lady of the Lake’. Cò sgrìobh sin, ge-tà – ach an t-Albannach, Bhaltair Scott.
Thòisich Frederick air òraidean a dhèanamh an aghaidh tràilleachd agus claon-bhreith. Sgrìobh e leabhar mu a bheatha fhèin, agus rinn sin ainmeil e. Bha caraidean aige a’ gabhail dragh gum biodh am fear ann am Maryland – aig an robh sealbh laghail air fhathast – ga iarraidh air ais. Bhrosnaich iad e a dhol a dh’Èirinn is Breatainn airson òraidean a dhèanamh mu thràilleachd. Bha sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1845). Bha tràilleachd air tighinn gu ceann ann an Ìmpireachd Bhreatainn dìreach seachd bliadhna roimhe sin.
Bha Douglass a’ siubhal ann an Èirinn dìreach nuair a bha a’ Ghort Mhòr a’ tòiseachadh. Ach, a dh’aindeoin gach duilgheadais is ana-cheartais ann an Èirinn, chòrd e ris a bhith ann an àite far nach robh daoine ga thomhas air dath a chraicinn. Fhuair e fhèin agus Daniel O’Connell, ‘Saoradair’ nan Caitligeach Èireannach ,air adhart gu math còmhla. Bha O’Connell gu mòr an aghaidh tràilleachd no ana-cheartas sam bith.
An dèidh greis, chaidh Douglass a dh’Alba. Ann an litir gu caraid anns na Stàitean Aonaichte, sgrìobh e ‘Scotland is a blaze of anti-slavery agitation ...’ Bha e toilichte gun robh uiread de dhaoine ann an Alba ag iomairt an aghaidh tràilleachd, gu h-àraidh mar a bha i anns na stàitean deasach Ameireaganach. Ge-tà, chan ann mar sin a bha a h-uile duine – no eaglais – ann an Alba, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.