FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ùisdean Mac a' Mhuilleir agus Gràin-chinnidh (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun turas aig Frederick Douglass a dh’Alba ann an ochd ceud deug, ceathrad ?s a sia (1846).

Audio is playing in pop-over.

Ùisdean Mac a' Mhuilleir agus Gràin-chinnidh (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun turas aig Frederick Douglass a dh’Alba ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1846). Trì bliadhna roimhe sin, bha an Eaglais Shaor air a cruthachadh. Bha an Eaglais ann an staing a thaobh airgead – airson ministearan a phàigheadh, airson eaglaisean a thogail is mar sin air adhart. Chuir iad teachdairean a-null do na Stàitean Aonaichte airson airgead fhaighinn bho choitheanalan Clèireach an sin. Ge-tà, thàinig mòran dhen airgead a fhuair iad bho dhaoine a bha a’ cumail thràillean.

Bha Frederick Douglass aig ceann iomairt airson an t-airgead a chur air ais do na Stàitean Aonaichte. Dh’fhàs an iomairt gu math mòr – agus guineach. Bha òrain air an sgrìobhadh agus air am foillseachadh ann am pamflaidean. Seo rann à fear dhiubh:

Send back the money, ʼtis dark polluted gold,

ʼTwas wrung from human flesh and bones by agonies untold:

There’s not a mite in all the sum but what is stained with blood,

There’s not a mite in all the sum but what is cursed of God…

Seo far a bheil an sgrìobhadair, creag-eòlaiche, clachair is Crìosdaidh ainmeil – Ùisdean Mac a’ Mhuilleir – a’ nochdadh nar sgeul. Ged a bhuineadh e do Chromba ann an Ros an Ear, bha Ùisdean air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Èideann airson beagan bhliadhnaichean. Bha e na dheasaiche air a’ phàipear-naidheachd, am Witness. Bha am Witness a’ riochdachadh bheachdan soisgeulach anns an Eaglais.

Nuair a chaidh an Eaglais Shaor a chur air chois, b’ e a Modaràtor an t-Urramach Tòmas Chalmers. Bha Chalmers gu math cliùmhor air feadh na rìoghachd. Bha e fhèin is Ùisdean Mac a’ Mhuilleir mòr aig a chèile, agus bhiodh Chalmers a’ cur a bheachdan an cèill air duilleagan a’ Witness.

Sgrìobh Chalmers gun robh e an aghaidh tràilleachd, ach bha e airson diofar a chomharrachadh eadar tràilleachd fhèin – a bha olc – agus na daoine leis an robh tràillean – uaireannan nach robh olc. Bha cuid a’ dèanamh sgaradh cuideachd eadar feadhainn a cheannaich tràillean agus feadhainn a cheannaich oighreachd air an robh tràillean mu-thràth. Cha do ghabh Frederick Douglass ris na beachdan sin a-muigh no mach. Ann an Ameireagaidh, thuirt e – gu connspaideach – tha am Bìoball agus luchd-seilbh thràillean an altaibh a chèile ... am fear a chleachdas a’ chuip tron t-seachdain, bidh e na sheasamh sa chùbaid air an t-Sàbaid.

Sgrìobh Mac a’ Mhuilleir colbhan-beachd a bha a’ dìon na h-Eaglaise. Sgrìobh e gun robh an iomairt ‘Send the Money Back’ air a bhith ro phearsanta mu cheannardan na h-Eaglaise Saoire agus gun robhar ag iarraidh ìre de ghlainead mhoralta a bha mì-reusanta. Bha deasbad mun airgead taobh a-staigh na h-Eaglaise cuideachd, ach chaidh an latha leis an Urramach Chalmers agus a chàirdean aig an Àrd-sheanadh. Cha deach an t-airgead a thoirt air ais.

Chan eil sin a’ ciallachadh nach robh Frederick Douglass soirbheachail. Thug e tràilleachd gu aire muinntir na dùthcha.

Ach dè mu dheidhinn cliù Ùisdein Mhic a’ Mhuilleir fhèin? Chan e a-mhàin gun robh e an aghaidh na h-iomairt ‘Send the Money Back’ airson an t-airgead a chur air ais, ach sgrìobh e cuideachd beachdan guineach mu bhoireannaich a bha a’ sireadh chòraichean dhaibh fhèin. Tha daoine air a bhith a’ dèanamh ath-sgrùdadh air na sgrìobhaidhean aige ann an co-theacsa na h-iomairt ‘Black Lives Matter’. An robh e ri gràin-chinnidh? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin an-ath-sheachdain.

Litir 1126 Litir 1126 Litir 1128 Litir 1128

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!