FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iseabail Gowdie (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun ‘bhana-bhuidsich’ Iseabail Gowdie.

Audio is playing in pop-over.

Iseabail Gowdie (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun ‘bhana-bhuidsich’ Iseabail Gowdie. Dh’aidich i gun robh i an sàs ann am buidseachd. Nuair a bha i ann an cruth maighich, nam biodh cù ga bìdeadh, bhiodh na lotan rim faicinn air a’ bhoireannach fhèin nuair a bha i air ais ann an cruth daonna. Co-dhiù, sin a thuirt i fhèin ris na fir a bha ga ceasnachadh mu bhuidseachd anns a’ bhliadhna sia ceud deug, seasgad ʼs a dhà (1662). ʼS dòcha gur e an rud a bu chronaile a thuirt i, gun robh càirdeas feiseil eadar na bana-bhuidsichean agus an Donas.

Chuir an luchd-ceasnachaidh tagradh don Chomhairle Dhìomhair ann an Dùn Èideann – buidheann chumhachdach. Bha iad dhen bheachd gun robh fianais gu leòr aca airson Gowdie agus boireannach eile – Seònaid Breadhead – a dhìteadh air casaidean de bhuidseachd.

Bha a’ Chomhairle Dhìomhair air fios a chur a-mach, ge-tà, nach fhaodadh ciùrradh a bhith mar phàirt de phròiseas a chuireadh neach air beulaibh cùirte airson buidseachd. Ann an cùis Gowdie is Breadhead, thuirt a’ Chomhairle nach bu chòir dhaibh a bhith air am faighinn ciontach nam biodh iad às an rian. Thathar a’ smaoineachadh gun deach Gowdie a chur gu bàs, ged nach eil sin uile-gu-lèir soilleir. Mar a bha mi ag innse dhuibh o chionn ceala-deug, bidh muinntir an àite a’ comharrachadh cnoc far an robh i, a rèir beul-aithris, air a losgadh gu bàs.

Tha cuid amharasach mu na cunntasan aig Gowdie de chruth-atharrachadh, Banrigh nan Sìthichean agus an Donas fhèin. Tha iad ag ràdh gu bheil iad uabhasach coltach ris na chanadh na seanchaidhean. An robh Iseabail dìreach ag aithris stuth à sgeulachdan a bhuineadh don dualchas? ʼS dòcha gun robh i a’ sireadh lasachadh anns a’ pheanas a gheibheadh i le bhith ag ‘aideachadh’ gun robh i ri buidseachd.

Tha cuid eile an amharas gun robh Gowdie a’ fulang le tinneas inntinn. Gu h-ionadail, timcheall Allt Èireann, tha beachd ann gun robh i a’ fulang le tinneas air a bheil ergotism. Gheibh daoine e le bhith ag ithe fungas a tha a’ fàs air lusan arbhair. Agus tha feadhainn eadhon ag ràdh gur dòcha gun deach a h-èigneachadh le saighdearan a bha anns an sgìre ri linn Bhlàr Allt Èireann – agus gun do dh’adhbharaich sin tinneas na h-inntinn.

Cò aige tha fios dè an fhìrinn a th’ ann. Tha e soilleir, ge-tà, gu bheil an cunntas aig Iseabail Gowdie mu a beatha mar ‘bhana-bhuidseach’ am measg nan cunntasan as iongantaiche de a leithid a th’ againn.

Anns an latha an-diugh, tha i ainmeil gu leòr. Chaidh ceithir nobhailean a sgrìobhadh mu a deidhinn. Chruthaich an sgrìobhaiche-ciùil Seumas Mac a’ Mhaoilein pìos-ciùil airson orcastra air a bheil ‘The Confession of Isobel Gowdie’.

Ach, airson dà cheud bliadhna an dèidh a bàis, cha robh i ainmeil idir. Ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a trì (1833), ge-tà, chaidh na h-aideachaidhean aice fhoillseachadh anns an leabhar ‘Ancient Criminal Trials in Scotland’ le Raibeart Pitcairn.

Tha sin gam thoirt air ais gu Downie Hill, a chaidh a shealltainn dhomh le caraid, mar a mhìnich mi o chionn ceala-deug. ’S e sin cnoc far an do choinnich Iseabail ris na sìthichean, a rèir beul-aithris. Tha cuid a’ cumail a-mach gum bithear ga faicinn fhathast agus gur e an taibhse aice ‘Am Boireannach Uaine’ a chì daoine timcheall Allt Èireann bho àm gu àm.

Litir 1124 Litir 1124 Litir 1126 Litir 1126

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!