FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iseabail Gowdie (2)

Ann an còig ceud deug is naochad (1590), chaidh cùisean-cùirte mì-chliùiteach a chumail ann am Bearaig a Tuath.

Audio is playing in pop-over.

Iseabail Gowdie (2)

Ann an còig ceud deug is naochad (1590), chaidh cùisean-cùirte mì-chliùiteach a chumail ann am Bearaig a Tuath. Bha iad co-cheangailte ri buidseachd, gu sònraichte de bhith a’ feuchainn ri long an Rìgh a chur fodha. Chaidh grunnan a chur gu bàs ann an teine, an dèidh dhaibh ciùrradh fhulang. Bha an Rìgh, Seumas VI, a’ creidsinn gun robh buidseachd fìor, agus sgrìobh e leabhar mun chuspair air an robh Daemonologie.

Anns an aon bhliadhna a thàinig Daemonologie a-mach, bha grunn chùisean-cùirte air feadh Alba, agus daoine fo chasaid de bhuidseachd. Thathar a’ smaoineachadh gun robh mu dhà cheud dhiubh air an cur gu bàs.

Shocraich cùisean an dèidh sin, ach bha tuilleadh ainneirt an aghaidh ‘buidsichean’ no ‘ban-bhuidsichean’ anns an t-seachdamh linn deug. Agus tha sin gam thoirt air ais gu Iseabail Gowdie à Allt Èireann a chaidh air beulaibh luchd-ceasnachaidh ann an sia ceud deug, seasgad ʼs a dhà (1662). Thairis air sia seachdainean, rinn i aideachadh de bhuidseachd ceithir tursan. Bha i air a cumail fo ghlas na h-aonar fad na h-ùine sin. Cha robh gnothaichean na fàbhar gu h-ionadail, ge-tà. Bha ministear na paraiste agus an t-uachdaran dhen bheachd gum biodh bàs bana-bhuidsich ceart is cothromach.

Anns a’ chiad aideachadh aige, thuirt Iseabail gun do choinnich i ris an Donas anns an eaglais ann an Allt Èireann air an oidhche. Rinn an Donas a chomharra air a gualainn agus dheoghail e fuil bhuaithe. Cha robh Iseabail leatha fhèin. Bha buidheann ann. Bha comas aca sgiathadh air eich dhraoidheil is a dhol a-steach tro uinneagan ann an taighean nan uaislean.

San dàrna aideachadh, thuirt i gun deach i a chèilidh air Banrigh nan Sìthichean. Ach ghabh Iseabail eagal an sin oir bha taigh na Banrigh làn tharbh-uisge. Bha i an sàs ann an cruth-atharrachadh cuideachd. Dh’fhaodadh i a cur fhèin ann an cruth cathaig. Bha feadhainn eile comasach air an cur fhèin ann an cruth cait no maighich. Thuirt i gun do rinn i ìomhaighean crèadha de mhic an uachdarain leis an amas gum biodh iad a’ fulang tinneas no bàs.

Chan eil mi cinnteach an robh fios aig Iseabail gun robh i a’ sgrìobhadh a teisteanais-bàis fhèin, ach lean i oirre. Dh’inns i rannan a chanadh i fhèin is na bana-bhuidsichean eile airson an cruth atharrachadh. Chlàir an luchd-ceasnachaidh barrachd rannan-buidseachd bho Iseabail na fhuaireadh riamh bho neach sam bith eile ann am Breatainn.

Dh’inns Gowdie do a luchd-ceasnachaidh mar a bha saighdean beaga draoidheil aig an Donas. Bhiodh esan gan toirt do na bana-bhuidsichean airson losgadh air daoine. Duine sam bith air am bualadh saighead dhen t-seòrsa sin, bhiodh iad a’ faighinn bàs.

Anns an treas aideachadh aice, thug Iseabail ainmean seachad de dhaoine a chaidh a mharbhadh le buidseachd. Rinn i cunntas de thuras a chaidh i a dh’Allt Èireann air adhbhar an Donais, agus i ann an riochd maighich. Nuair a bha i na maighich, thuirt i, chaidh prasgan chon às a dèidh. Fhuair i air falbh bhuapa le bhith a’ ruith bho thaigh gu taigh gus an d’ fhuair i cothrom a cur air ais ann an riochd daonna.

Mura robh sin gu leòr, bha tuilleadh aig Iseabail ri aideachadh, cuid dheth gu math mì-thaitneach, mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Litir 1123 Litir 1123 Litir 1125 Litir 1125

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!