O chionn ghoirid ghabh mi cuairt bheag gu mullach cnuic anns an Eilean Dubh. Tha an t-àite ainmeil agus tha brat-chrann air a’ mhullach, le bratach na h-Alba air. ʼS e an t-ainm a th’ air an àite Ormond Hill. Bha uaireigin caisteal mòr air – Ormond Castle. Anns an leabhar aige – Place-names of Ross and Cromarty – tha Uilleam MacBhàtair ag innse dhuinn mun àite. Ach chan eil e ag innse dhuinn dè a’ Ghàidhlig a th’ air Ormond Castle. Tha an t-àite air aithneachadh ann am Beurla cuideachd mar ‘The Castle of Avoch’ oir tha e faisg air baile beag ris an canar Abhach. ʼS dòcha gur e Caisteal Abhaich a’ Ghàidhlig cheart air an daingnich.
Thathar a’ smaoineachadh gun deach an caisteal a thogail faisg air deireadh an dàrna linn deug, nuair a bha Uilleam Garbh, Uilleam mac Eanraig, na Rìgh. Bithear a’ gabhail ‘William the Lion’ air ann am Beurla. Bha e ag iarraidh caisteal rìoghail a bhith aige air cladach Linne Mhoireibh airson Inbhir Nis a dhìon.
Ceud bliadhna an dèidh sin, bha an caisteal ann an làmhan teaghlach cumhachdach – na Moirich. B’ e am fear a b’ ainmeile dhiubh Anndra Moireach. Bha e aithnichte ann am Beurla mar Andrew de Moray agus ann an Laidinn mar Andreas de Moravia.
Bha fearann mòr aig an teaghlach thall ann am Peitidh, faisg air Inbhir Nis, agus ann an àiteachan eile ann am Moireibh. Agus bha cuid de na Moirich air a bhith nan easbaigean, agus gu math cumhachdach anns an eaglais.
As t-earrach dà cheud deug, naochad ʼs a sia (1296), bha e follaiseach gun robh Rìgh Shasainn, Eideard I, a’ dèanamh deiseil airson armailt mhòr a thoirt a-steach a dh’Alba. Bha Eideard air brath a ghabhail air suidheachadh na h-Alba oir bha i às aonais rìgh no banrigh. Bha e air toirt air an fheadhainn a bha ag iarraidh a bhith air rìgh-chathair na h-Alba aideachadh gun robh uachdranas aig Eideard air Alba. A-nise, bha na h-Albannaich a’ cur an aghaidh sin, agus a’ gairm an neo-eisimeileachd. Bha cogadh air fàire.
Chaidh Anndra Moireach cuide ri athair gu ruige ceann a deas na h-Alba airson seasamh an aghaidh Eideard. Ach, aig Blàr Dhùn Barra, chaidh an latha leis na Sasannaich. Chaidh Anndra agus athair a ghlacadh. Bha athair air a chur don Tùr ann an Lunnainn, far an do chaochail e dà bhliadhna an dèidh sin. Bha Anndra air a ghlasadh ann an Caisteal Chester.
Cha robh e ann uabhasach fada, ge-tà. Uaireigin anns a’ gheamhradh rinn e dol-às bhon phrìosan aige. Rinn e a shlighe dhachaigh gu fearann athar ann an ceann a tuath na h-Alba. Anns an eadar-ama, bha Alba air fulang, gu h-àraidh leis gun do chuir an luchd-riaghlaidh Sasannach cìsean mòra air an t-sluagh. Tha e coltach gun robh Anndra fiadhaich mu dheidhinn.
Chaidh e gu caisteal athar faisg air Abhach. Thog e a shuaicheantas an sin agus chuir e an cèill mar a bha e a’ dol a sheasamh an aghaidh nan Sasannach ann an Alba. Aig an aon àm ʼs a bha am Moireach a’ tarraing luchd-taice thuige ann an ceann a tuath na h-Alba, bha fear eile a’ dèanamh an aon rud sa cheann a deas. B’ esan Uilleam Uallas. Còmhla, bhiodh Uallas agus Anndra Moireach ag atharrachadh eachdraidh na h-Alba.