Tha mi fhathast a’ togail chriomagan às an làraich-lìn ‘Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Chuir an Comunn Oiseanach athchuinge don riaghaltas ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1839). Bha iad ag iarraidh gum biodh a’ Ghàidhlig air a teagasg san oilthigh. Cha d’ fhuair iad taic sam bith.
Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1894), fhuair an t-oilthigh airgead dìleib bhon Ollamh Urramach Gilleasbuig MacCaluim airson sreath òraidean ‘Ceilteach’ a chur air dòigh. Airson còig bliadhna, shuidh an t-oilthigh air an airgead gun a bhith a’ dèanamh càil leis. Mu dheireadh, chuir an Comunn Oiseanach, agus Comunn nan Oileanach aig an Eaglais Shaoir, athchuinge gu Cùirt an Oilthigh mun ghnothach.
Bliadhna an dèidh sin, thug an neach-saidheans, an t-Àrd-ollamh Mànus MacGhill’Eain, sreath de dheich òraidean seachad air cuspairean Ceilteach. ʼS ann às an Eilean Sgitheanach a bha MacGhill’Eain, agus bha Gàidhlig aige mar chiad chànan.
Bha esan air a leantainn leis an Àrd-oll. Kuno Meyer, sgoilear Ceilteach Gearmailteach a bha stèidhichte aig Oilthigh Liverpool.
Ann an naoi ceud deug is sia (1906), chaidh an t-Oll. Urr. Deòrsa MacEanruig fhastadh mar òraidiche làn-thìde. Airson a’ chiad turais riamh, bha cothrom aig oileanaich cùrsaichean Ceilteach a dhèanamh a bhiodh mar phàirt de cheum oilthigh. Nuair a bha MacEanruig ann an Glaschu, dh’fhoillsich e an leabhar ‘The Norse Influence on Gaelic Scotland’. Gu mì-fhortanach, chaochail e aig àrd a chomais ann an naoi ceud deug ʼs a dhà-dheug (1912). Bha e dìreach ceathrad ʼs a sia bliadhna a dh’aois.
Às a dhèidh, thàinig an t-Oll. Urr. Deòrsa Calder. Thog esan a chuid Gàidhlig ann an Siorrachd Pheairt, an dèidh dha Laideann, cuspairean clasaigeach agus diadhachd a dhèanamh aig oilthigh. Bha e na òraidiche ann an Oilthigh Ghlaschu gu naoi ceud deug, trithead ʼs a còig (1935). Sgrìobh Calder trì leabhraichean a th’ agam fhèin air mo sgeilpichean – leabhar gràmair agus cruinneachaidhean de bhàrdachd Dhonnchaidh Bhàin agus Uilleim Rois.
Thàinig Seumas MacIlleMhìcheil MacBhàtair, mac an sgoileir ainmeil Uilleam MacBhàtair, don oilthigh airson trì bliadhna mus deach e a dh’Oilthigh Dhùn Èideann mar Àrd-ollamh na Ceilteis. Às a dhèidh, thàinig Aonghas MacMhathain à Uibhist a Tuath, bràthair Uilleim, sgoilear Gàidhlig eile. Bha Aonghas na òraidiche ann an Glaschu airson fichead bliadhna, le ceithir bliadhna air falbh, agus e an sàs anns an Dàrna Cogadh.
Ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a sia (1956) chaidh Aonghas a dhèanamh na Àrd-ollamh. Mu dheireadh thall, an dèidh strì a thòisich còrr is ceud bliadhna roimhe, bha Cathair Cheilteach ann an Glaschu. Lean daoine ainmeil anns an dreuchd sin – Ruairidh MacThòmais, Dòmhnall MacAmhlaigh, Cathair Ó Dochartaigh agus Tòmas Clancy.
Ann an dà mhìle ʼs a deich (2010), chaidh Cathair Ghàidhlig a chur air dòigh cuideachd. Bhon uair sin, tha an t-Àrd-oll. Roibeard Ó Maolalaigh air a bhith anns a’ Chathair. Tha iomadh iomairt ann – acadamaigeach agus sòisealta – a tha a’ neartachadh na Gàidhlig san oilthigh a-nise. Nuair a tha sinn a’ coimhead air ais, tha e fìor ri ràdh gu bheil piseach mòr air tighinn air suidheachadh na Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu.