FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Anndra Moireach agus Caisteal Abhaich (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Anndra Moireach.

Audio is playing in pop-over.

Anndra Moireach agus Caisteal Abhaich (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Anndra Moireach. Bha e beò o chionn seachd ceud bliadhna. Bha caisteal aige faisg air Abhach anns an Eilean Dubh.

Anns a’ Chèitean dà cheud deug, naochad ʼs a seachd (1297), bha coinneamh chudromach ann an Caisteal Inbhir Nis. An làthair, bha ceannardan Sasannach ann an ceann a tuath na h-Alba. Nam measg, bha Constabal Caisteal na Sròine – no Caisteal Urchardain, faisg air Druim na Drochaid. B’ esan Sir Uilleam Fitzwarine. Bha e fhèin is càch a’ bruidhinn mun ar-a-mach, anns an robh Albannaich an sàs, an aghaidh an riaghladairean Sasannach.

An dèidh na coinneimh, chaidh Fitzwarine agus a chompanaich dhachaigh. Bha Anndra Moireach agus bàillidh à baile Inbhir Nis – Alexander Pilche – agus an luchd-taic’ a’ feitheamh riutha. Faisg air ceann a tuath Loch Nis, thug na h-Albannaich ionnsaigh air Fitzwarine. A rèir beul-aithris, thachair e ann an àite ris an canar Innis a’ Chatha.

Theich Fitzwarine le a bheatha. Lean am Moireach e gu Caisteal Urchardain, ach cha robh e comasach air ballachan a’ chaisteil a bhriseadh. Thug e ionnsaigh air a’ chaisteal air an oidhche, ach cha robh e soirbheachail. Thill e a Mhoireibh, far an do ghabh e thairis a h-uile caisteal a bh’ ann an làmhan nan Sasannach.

Bha Rìgh Eideard a’ call a smachd air Alba. Aig deireadh an t-samhraidh, cha robh ach aon chaisteal na làmhan tuath air a’ mhachair Ghallta. B’ e sin Dùn Dè. Thàinig na feachdan aig Anndra Moireach agus Uilleam Uallas còmhla agus chuir iad Caisteal Dhùn Dè fo shèist.

ʼS ann an uair sin a chuir Iarla Shurraidh armailt ri chèile. Rinn e air Sruighlea. Chaidh am Moireach agus Uallas gu ruige Drochaid Shruighlea airson coinneachadh ris. Dh’inns mi dhuibh mun chath sin, agus mar a bhuannaich na h-Albannaich, ann an Litir mìle, naochad ʼs a ceithir (1,094).

ʼS dòcha gun robh am Moireach a cheart cho cudromach ri Uilleam Uallas ann an iomairt na neo-eisimeileachd. Carson, ma-thà, nach eil e cho ainmeil ri Uallas? Uill, ma dh’fhaoidte gur e as coireach ri sin nach robh Anndra Moireach beò fada an dèidh Cath Drochaid Shruighlea. Tha cuid dhen bheachd gun do chaill e a bheatha anns a’ chath sin.

Chan eil a’ chùis soilleir. Chuir ceannardan na h-Alba dà litir a-mach còrr is mìos an dèidh a’ chatha. Bha Anndra Moireach air ainmeachadh anns na dhà mar fhear de cheannardan na h-Alba. Ach, an dèidh sin, cha bhi ainm a’ nochdadh a-rithist. ʼS dòcha gun deach a leòn aig Cath Drochaid Sruighlea agus gun do chaochail e beagan sheachdainean às dèidh làimhe. No ʼs dòcha gun deach a mharbhadh sa chath, ach gun robh e feumail gu poilitigeach do Uallas ainm a chur gu feum mar gun robh e beò fhathast.

Anns an latha an-diugh, thathar a’ cuimhneachadh Uilleim Uallais gu mòr ann an Alba. Tha carragh-cuimhne dha air cnoc os cionn Sruighlea. Agus rinn Mel Gibson gaisgeach dheth anns a’ film Braveheart. Ach cò nach do nochd idir ann am Braveheart? Seadh, Anndra Moireach. Cha robh sgeul air sa film. Agus chan eil carragh-cuimhne ann dha. Ma tha feadhainn airson carragh-cuimhne a thogail dha, chanainn nach biodh àite na b’ fheàrr air a shon na Caisteal Abhaich ri taobh Linne Mhoireibh.

Litir 1121 Litir 1121 Litir 1123 Litir 1123

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!