FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu (3)

Anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi ag innse dhuibh mun làraich-lìn ‘Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu’.

Audio is playing in pop-over.

A’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu (3)

Anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi ag innse dhuibh mun làraich-lìn ‘Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag aithris mu mar a bha Seanadh Earra-Ghàidheal de dh’Eaglais na h-Alba ag iarraidh eadar-theangachadh dhen t-Seann Tiomnadh gu Gàidhlig. Ge-tà, cha do thachair e.

Carson? Uill, bha strì a’ dol eadar na Clèirich agus na h-Easbaigich ann an Alba. Airson greis bha làmh-an-uachdar aig na h-Easbaigich, agus chaidh Gilleasbuig Caimbeul, Marcas Earra-Ghàidheal, a chur gu bàs. Bha esan na Chlèireach gu a smior. Chaidh na pròiseactan ‘Clèireach’ – leithid eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh – far an rathaid. Bhiodh ceud gu leth bliadhna ann mus nochdadh an Seann Tiomnadh ann an Gàidhlig.

Bha an suidheachadh cànain doirbh dhaibhsan a bha ag iarraidh a bhith nam ministearan ann an Earra-Ghàidheal. Dh’fheumadh Gàidhlig a bhith aca. Bhiodh an Seanadh a’ cur deuchainn cànain orra. Ach tha e coltach nach robh mòran Gàidhlig anns na sgoiltean sgìreil ann an Earra-Ghàidheal. Agus cha robh an cànan air a theagasg ann an Oilthigh Ghlaschu.

Anns an ochdamh linn deug, thathar a’ smaoineachadh gun robh am bàrd ainmeil, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, na oileanach ann. Chan eil dearbhadh air sin, ge-tà. Ach tha lethbhreacan de sgrìobhaidhean is leabhraichean aige ann an leabharlann an oilthigh. Tha iad prìseil thar tomhais.

Anns an ochdamh linn deug, bha Glaschu, agus an t-oilthigh, taiceil don riaghaltas ann an Lunnainn, agus nàimhdeil do na Seumasaich. A dh’aindeoin sin, bha gu leòr de dh’uaislean na Gàidhealtachd – co-dhiù bha iad nan Seumasaich no nach robh – a’ cur an cuid mhac ann mar oileanaich.

Anns an naoidheamh linn deug, chaidh Comunn Oiseanach a chur air dòigh anns an oilthigh. Bha na coinneamhan agus geàrr-chunntasan aca ann an Gàidhlig. An toiseach bha iad ag amas air deasbadan foirmeil a chumail. Bha a’ chiad deasbad aca air co-dhiù bha e na b’ fheàrr airson sonas duine a bhith pòsta no singilte.

Seo agaibh cuid de na cuspairean eile a bha iad a’ deasbad anns a’ Chomunn Oiseanach: an robh na Gàidheil ceart ann a bhith a’ toirt taic don Phrionnsa Teàrlach ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1745)?; am bu chòir do na tràillean dubha anns na h-Innseachan Breatannach a bhith air an saoradh sa bhad?; am bu chòir daoine ciontach a chur gu bàs?; agus, dè as fheàrr – am pòsadh òg no sean?

Agus chùm an Comunn deasbadan air dà chuspair air am bi Gàidheil fhathast a’ deasbad – am bu chòir litreachadh na Gàidhlig atharrachadh?; agus, an robh an ceangal ri Sasainn gu buannachd na h-Alba? Cha chan mi an còrr air cuspair seach cuspair sin!

Ochd bliadhna an dèidh gun deach an Comunn a chur air chois, thòisich na buill air strì gus ollamhachd Ghàidhlig a stèidheachadh san oilthigh. Bha sin ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1839). Chuir iad athchuinge gu Rùnaire na Dùthcha, am Morair Iain Ruiseal. Thuirt na h-oileanaich gur e cùis uabhais a bh’ ann mar a bha cion ullachaidh ga thabhann air ministearan Gàidhealach. Bha iad a’ faighinn iomadh sgil, ach cha robh iad a’ faighinn oideachadh sam bith anns a’ chànan anns am biodh iad a’ searmonachadh. Ciamar a chaidh don iarrtas sin nuair a ràinig e an riaghaltas? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.

Litir 1118 Litir 1118 Litir 1120 Litir 1120

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!