Bha mi ag innse dhuibh mun làraich-lìn ‘Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Anns an t-seachdamh linn deug, chithear daoine le ainmean Gàidhealach a’ nochdadh air na liostaichean de luchd-ceumnachaidh, cha mhòr a h-uile bliadhna. Bha dà bhuidhinn ann gu sònraichte – na daoine-uaisle agus feadhainn a bha a’ trèanadh airson na ministrealachd.
Am measg sin bha teaghlach MhicDhùghaill Dhùin Olaidh ann an Earra-Ghàidheal. Tràth anns an t-seachdamh linn deug, b’ e an ceann-cinnidh aca Sir Iain MacDhùghaill. Chuir esan a cheathrar mhac a Ghlaschu airson an cuid foghlaim. Cheumnaich am mac a bu shine aige, Alasdair, ann an sia ceud deug is trithead (1630).
B’ e cinneadh eile a bha co-cheangailte ris an oilthigh – Dòmhnallaich Shlèite às an Eilean Sgitheanach. Bha an t-oilthigh a’ sireadh taic-airgid airson togalaichean a leasachadh. Am measg na chuir airgead thuca, bha Dòmhnall Gorm Òg, ceannard Dòmhnallaich Shlèite. Thug esan ceud not dhaibh airson leabharlann ùr a leasachadh.
A’ bhliadhna às dèidh sin, chuir Dòmhnall Gorm a mhac, Seumas, a dh’Oilthigh Ghlaschu. An ceann tìde, bha Seumas na cheannard air a’ chinneadh. Thug e taic mhòr do bhàird Ghàidhlig. Sgrìobh am bàrd ainmeil, Iain Lom, dà dhàn mu Sheumas – dàn-molaidh agus marbhrann nuair a chaochail e.
Bha na h-uaislean Leòdach an sàs san oilthigh cuideachd. Bha Ruairidh Mòr MacLeòid na cheannard air Clann MhicLeòid Dhùin Bheagain agus na Hearadh – no Sìol Thormoid. Chaidh na mic aige – Iain Mòr, Uilleam agus Tormod – a dh’Oilthigh Ghlaschu. B’ e Tormod am fear a b’ òige dhiubh. Fhuair e Eilean Bheàrnaraigh ann an Caolas na Hearadh mar oighreachd-fearainn. Bha e gu mòr a’ brosnachadh bàrdachd na Gàidhlig. Chaidh dàin-mholaidh a sgrìobhadh mu dheidhinn fhèin. Am measg na mhol e ann an sgrìobhadh, bha a’ bhana-bhàrd chliùiteach, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh.
An cinneadh Gàidhealach a bu mhotha a bha co-cheangailte ri Oilthigh Ghlaschu anns na làithean ud, ge-tà – b’ iad sin na Caimbeulaich. Anns an t-seachdamh linn deug, chuir Gilleasbaig Caimbeul, Mac Cailein Mòr, a dhithis mhac don oilthigh. Bha Gilleasbaig am measg nan daoine a bu chumhachdaiche ann an Alba aig an àm sin. Bha e an sàs gu mòr ann an Cogaidhean nan Cùmhnantach, air taobh nan Cùmhnantach. Fhuair cuid de na Caimbeulach taic airgid bhon riaghaltas ann an Dùn Èideann airson a bhith nan oileanaich, oir ʼs e Pròstanaich a bh’ annta. Bha iad comasach air a dhol am measg nan Gàidheal, agus facal Dhè a sgaoileadh.
Aig an àm sin, cha robh am Bìoball ri fhaighinn ann an Gàidhlig. Ann an sia ceud deug, ceathrad ʼs a naoi (1649), cho-dhùin Seanadh Earra-Ghàidheal de dh’Eaglais na h-Alba Leabhar-cheist Gàidhlig fhoillseachadh. Thagh iad sgioba de sheachdnar a dhèanadh an obair. Bha sianar aca air ceumnachadh à Oilthigh Ghlaschu.
Goirid an dèidh sin, rinn an Seanadh cruinneachadh de chaogad salm ann an Gàidhlig. Bha luchd-ceumnachaidh à Oilthigh Ghlaschu am measg na chuir sin ri chèile. Agus bha daoine a bh’ air a dhol tron oilthigh anns a’ mhòr-chuid ann am buidheann a bha a’ dol a dh’eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh gu Gàidhlig. Cha do thachair e, ge-tà. Innsidh mi dhuibh tuilleadh an-ath-sheachdain.