Thàinig mi tarsainn air làrach-lìn inntinneach o chionn ghoirid. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Tha i dà-chànanach. Gheibhear i aig sgeulnagaidhlig.ac.uk. Tha i ag innse dhuinn mu na ceanglaichean eadar an t-oilthigh agus a’ Ghàidhlig thar nan linntean.
Chaidh an t-oilthigh a chur air chois ann an ceithir cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1451). Aig an àm sin, bha Gàidhlig ga bruidhinn ann an sgìrean dùthchail faisg air Glaschu, agus feadhainn dhiubh deas air a’ bhaile. A bharrachd air sin, bha ceangal oifigeil ann eadar an t-oilthigh agus eaglaisean paraiste far an robh an cànan ga bruidhinn – ann an Comhghall, Bòd is Ìle. Bhiodh ceudan bhliadhnaichean ann mus biodh a’ Ghàidhlig air a teagasg anns an oilthigh, ach bha Gàidheil nan oileanaich ann bho chionn fhada.
Nuair a chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh, thòisich daoine ann an Earra-Ghàidheal, a bha ag amas air a bhith nam pearsaichean eaglais, a dhol ann. Roimhe sin, fhuair iad an cuid foghlaim ann an Oilthigh Chill Rìmhinn. Aig an àm sin, bha Gàidhlig air a bruidhinn air feadh Earra-Ghàidheal. Am measg nan ainmean Gàidhealach a nochdas air clàr nan oileanach, tha MacCombaich, MacThàmhais, MacLaomainn, Mac a’ Bhiocair, MacLachlainn agus MacMhuirich.
Tha ainm cliùiteach a’ nochdadh ann an co-cheangal ri Oilthigh Ghlaschu anns an t-siathamh linn deug. B’ e sin Iain Major, a sgrìobh anns an leabhar aige mu eachdraidh Bhreatainn gun robh Gàidhlig aig cha mhòr an dàrna cuid de mhuinntir na h-Alba aig an àm sin. Ciamar a bha e ceangailte ri Oilthigh Ghlaschu? Uill, bha e na Phrionnsabal ann eadar còig ceud deug is ochd-deug (1518) agus còig ceud deug, fichead ʼs a trì (1523).
Fear eile cliùiteach a bha co-cheangailte ris an oilthigh – b’ esan Ualtar MacUalraig no Ceanadach, am bàrd. ʼS ann à Carraig ann an Siorrachd Àir a bha Ualtar, agus bha e na Ghàidheal. Bha Gàidhlig fhathast air a bruidhinn ann an Carraig agus Gall-Ghàidhealaibh aig an àm sin. Tha Ualtar ainmeil airson ʼs mar a bha e fhèin is Uilleam Dunbar, bàrd Gallta, a’ magadh air a chèile ann an aoir. B’ e cuspair na h-aoire – dè bha e a’ ciallachadh a bhith nad Albannach? Bha Dunbar a’ cur sìos air MacUalraig airson a bhith dìleas don Ghàidhlig. Bha MacUalraig a’ cur sìos air Dunbar a chionn ʼs nach robh Gàidhlig aige!
Co-dhiù, cheumnaich MacUalraig o Oilthigh Ghlaschu le MA ann an ceithir cheud deug, seachdad ʼs a h-ochd (1478). Agus bha a mhac, Ualtar eile, air a dhèanamh na reactor ann, ann an còig ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1524).
Aig deireadh an t-siathamh linn deug agus anns a’ chiad leth dhen t-seachdamh linn deug, bha gu leòr de Ghàidheil mar oileanaich aig an oilthigh. Bha a’ chuid a bu mhotha aca à Earra-Ghàidheal. Aig an àm sin, nam biodh ainm Gàidhealach ort, agus tu à Earra-Ghàidheal no Na Tròisichean, bhiodh Gàidhlig agad. ʼS iad na h-ainmean a chì sinn – Caimbeul, MacLachlainn, Darach, Camshron, Bochanan, MacCombaich, MacIllEathain, MacCalmain, MacLeòid, Mac a’ Bhreatannaich, MacAlasdair agus MacGuaire. Chun na h-ath-sheachdain, beannachd leibh.